Fàilte

Lèirmheas Bliadhnail 2020 susbaint

Lèirmheas Bliadhnail 2020

Fàilte do lèirmheas bliadhnail 2020

Chan eil teagamh nach eil an Corona-bhìoras (COVID-19) agus a bhuaidh air a bhith gu mòr an uachdar ann an 2020, ach tha mòran euchdan agus coileanasan air leth ri an comharrachadh air feadh chom-pàirteachas an oilthigh againn, a’ toirt a-steach ar freagairt air a’ ghalar lèir-sgaoilte.

Tha lèirmheas na bliadhna-sa a’ nochdadh dìreach cuid de na choilean sinn agus na leasachaidhean a rinn sinn ann am bliadhna a bha air leth dùbhlanach don h-uile duine.

B’ e bliadhna eile a bh’ ann ri a cumail air chuimhne, le mòran oileanaich is luchd-obrach a’ faighinn aithne agus duaisean. Tha institiudan is ionadan rannsachaidh fhathast a’ cur gu mòr ri rannsachadh aig an ìre chruinneil, agus tha sgiobaidhean iomlaid eòlais a’ putadh nan crìochan eadar eòlas acadaimigeach agus ùr-ghnàthachadh feumail.

Tha sinn an-còmhnaidh ag amas air àrainneachd ionnsachaidh, rannsachaidh agus obrach shàbhailte a thoirt don h-uile oileanach agus neach-obrach againn, agus aig an aon àm a bhith a’ dìon ar coimhearsnachdan ionadail, agus air 17 Màrt, chuir sinn stad air lìbhrigeadh teagasg aghaidh-ri-aghaidh mar a bhuail an galar lèir-sgaoilte. Bhon uairsin tha sinn air oibreachadh le luchd-teagaisg agus luchd-taice gus cuideachadh le bhith ag ath-thòiseachadh gu ìre air teagasg air an àrainn far a bheil sin riatanach agus mar phàirt de mhodhan ionnsachaidh measgaichte, ged a tha cuid de phrògraman, taing don t-sàr-eòlas a th’ againn ann a bhith a’ dealbhadh agus a’ lìbhrigeadh curraicealam air-loidhne, fhathast gan lìbhrigeadh gu tur air falbh bhon àrainn.

Tha mi air leth moiteil às an luchd-obrach agus na h-oileanaich a tha uile air neart, innleachdas agus sùbailteachd iongantach a nochdadh gus fàs suas gu tapaidh ris na dòighean ùra anns am feum sinn a bhith ag obair agus ag ionnsachadh aig an àm seo, agus cuideachd cho mòr is a tha sinn air leantainneachd a chumail suas ann an cothroman ionnsachaidh air feadh na sgìre againn san fharsaingeachd, agus gu dearbh b’ e seo ar prìomh amas. Tha sinn eadhon air grunn phrògraman ùra a chur air bhog, a’ toirt a-steach ceuman ann an Optomatrachd agus ann an Dealbhadh Bathar-bog Gnìomhaichte, rè na h-ùine seo.

Tha sinn cuideachd air a bhith a’ dèanamh nas urrainn dhuinn gus buaidh nas fharsainge a’ ghalair lèir-sgaoilte air beatha dhaoine a riaghladh, a’ cuideachadh ar coimhearsnachdan ionadail agus a’ stèidheachadh tuillidh mhaoinean cruadail do dh’oileanaich gus taic a thoirt do na h-oileanaich againn air an tug an galar lèir-sgaoilte buaidh. Bha seo a’ toirt a-steach dèiligeadh ri cùisean bochdainn dhidseatach a bha a’ bualadh air cuid de na h-oileanaich againn a dh’fheumas ionnsachadh air-loidhne, agus leis an eòlas mhòr a chuir sinn air a bhith a’ lìbhrigeadh ionnsachadh measgaichte chaidh againn air na teirmean foghair againn ann am foghlam àrd-ìre agus adhartach a thòiseachadh mar a bha dùil. Bu mhath leam gu sònraichte a bhith a’ moladh nan oileanach altraim agus banais-ghlùine againn a thòisich an greisean-gnìomhachais tràth gus SNS agus dachaighean cùraim a chuideachadh gus dèiligeadh ris an fhreagairt thòiseachail air COVID-19.

Gu mì-fhortanach, mar a h-uile buidheann, bha againn ri dàil a chur ann an iomairtean agus tachartasan a bha san amharc no smaointeachadh a-rithist dè mar a rachadh an lìbhrigeadh. Tha seo a’ toirt a-steach sinn a bhith a’ gabhail pàirt ann an Seachdain Tartain Eabhraig Nuadh, iomlaidean eadar-nàiseanta agus cuid de ghreisean-obrach. Agus, ged a bha coltas eadar-dhealaichte air na cuirmean-ceumnachaidh againn am-bliadhna, an dèidh dhuinn an gluasad air-loidhne, bha e comasach dhuinn fhathast euchdan sònraichte na feadhna a chrìochnaich an cuid ionnsachaidh a chomharrachadh le cuirmean air-loidhne anns an robh iomadh mòmaid a bhlàiteachadh cridhe duine.

Tha pàirt uile-chudromach aig a’ chompàirteachas againn ri a cluich ann a bhith a’ toirt taic do ath-bheothachadh na sgìre às deidh galar lèir-sgaoilte COVID-19. Tha am measadh buaidh eaconamach as ùire againn a’ nochdadh gu bheil sinn a’ cur £560 millean ri eaconamaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt gach bliadhna. Tha sinn a’ leantainn oirnn ag obair le fastaichean, coimhearsnachdan agus luchd-ionnsachaidh gus cuideachadh le bhith a’ freagairt air na feumalachdan caochlaideach aca agus nàdar nan cothroman cosnaidh is dhreuchdan.

Mu dheireadh, bu mhath leam taing a thoirt do na h-oileanaich, an luchd-obrach, na h-alumni agus na com-pàirtichean againn uile airson an taic tron bhliadhna agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas san àm ri teachd don phrionnsapal agus iar-sheansalair a tha ri tighinn an dreuchd, an t-Àrd-Ollamh Todd Walker. Tha mi cinnteach gun còrd e ris a bhith a’ stiùireadh a’ chompàirteachais iongantaich seo cho mòr is a chòrd e rium fhèin.

An t-Àrd-Ollamh Crichton Lang,

Prionnsapal agus iar-sheansalair (eadar-amail) Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Professor Crichton Lang, Principal and Vice-Chancellor