Mu

Oilthigh eadar-dhealaichte susbaint

Oilthigh eadar-dhealaichte

Tha barrachd air colaiste agus barrachd air oilthigh ann an UHI. Tha sinn nar pàirt de shìol ùr de stèidheachdan treas ìre, gun ar leithid a bhith ann an Alba is gun ach beagan ann san Roinn Eòrpa.

susbaint

‘S e com-pàirteachas eadar-mheasgte agus sùbailte a th’ annainn a tha a’ frithealadh ar coimhearsnachdan agus ceangailte ri am feumalachdan. ‘S e iomachdachd agus sùbailteachd ar com-pàirteachais an neart as motha a th’ again, agus tha seo a’ toirt cumhachd dhuinn gu barrachd a lìbhrigeadh.

Bid sinn a’ tabhann ionnsachadh sùbailte le taic bho ìre inntrigidh gu ìre PhD, a tha a’ freagairt air barrachd dhaoine aig barrachd ìrean airson barrachd adhbharan.

Tha sinn moiteil às an àite gun samhail a th’ againn agus nar freumhan domhainn nar coimhearsnachdan agus tha seo a’ fàgail ar teagasg agus ar rannsachadh nas co-cheangailte ris na feumalachdan aca.

Tha 31,000 oileanach aig cridhe is cuislean ar com-pàirteachas agus is ann mar a shoirbhicheas iadson a bu chòir dhuinn a bhith air ar tomhas.

QAA checks how UK universities and colleges maintain the standard of their higher education provision. Click here to read this institution's latest review report. The QAA diamond logo and 'QAA' are registered trademarks of the Quality Assurance Agency for Higher Education.