Taing!

susbaint

Bu mhath leinn taing a thoirt do na daoine fa leth, na buidhnean agus na h-urrasan is fonndasan carthannach fialaidh air fad a thug tabhartasan don oilthigh ann an 2021.

B’ e bliadhna dhoirbh eile a bh’ ann do mhòran agus bha am feum ana-mhòr air taic ionmhais ri fhaicinn tro na ceudan de dh’iarrtasan a fhuair sinn air na diofar mhaoinean a th’ againn do dh’oileanaich. Ach taing do na tabhartasan coibhneil a thàinig bhuaibhse, bha e comasach dhuinn taic a thoirt do chòrr is 100 oileanach feadh na bliadhna, rud a tha mìorailteach fhèin agus sinn fìor bhuidheach dheth. Bha sinn cuideachd air leth toilichte trì duaisean ùra a stèidheachadh tro thiodhlacan ann an 2021, an Duais Innleadaireachd mar Chuimhneachan air Sidney Black, Duaisean Ciùil John Preston  agus Duais Uirsgeulachd Peter May.

Bidh sgoilearachasan is duaisean mar seo a’ toirt brosnachadh agus deachdadh do ar n-oileanaich agus bheir iad cothroman dhaibhsan a tha air an cumail air ais le cuingeadan ionmhais.

Tha sinn cuideachd taingeil do na daoine fa leth agus na buidhnean a tha a’ toirt taic dhuinn ann am farsaingeachd de phròiseactan agus adhartasan rannsachaidh togarrach san oilthigh.

Ma tha sibh ag iarraidh tuillidh fiosrachaidh mu na h-oidhirpean againn airson airgead a thogail, faodaidh sibh ur n-ainm a chur a-steach airson a’ chuairt-litir mhìosail ‘Leasachaidhean’ fhaighinn an seo.

Agus ma tha sibh am beachd tabhartas a thoirt seachad, feuchaibh an tadhail sibh air www.uhi.ac.uk/donate no cuiribh post-d gu alison.wilson@uhi.ac.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.

“Chan urrainn dhomh cur an cèill gu h-iomlan cho taingeil ’s a tha mi. Tha e air cuideam mòr a thogail far mo bhroilleach agus is coltach gun leig seo leam mo chuid ionnsachaidh a chrìochnachadh gu meud mo chomais."

Ella, a fhuair taic on Mhaoin Sgoilearachd

Luchd-buannachaidh dhuaisean

Collection of people with prize certificates

 

 

"Bha eagal orm gum feumainn tarraing a-mach às a’ chùrsa agam, ach dh’aotromaich a’ mhaoin sgoilearachd an t-uallach a bh’ orm a thaobh ionmhais agus chluich i pàirt mhòr ann a bhith a’ leigeil leam cumail a’ dol le mo chuid ionnsachaidh. Tapadh leibh."

Abbie, a fhuair taic on Mhaoin Sgoilearachd