Samhain

Ceum ùr a bheir freagairt air fàs san fheumalachd a thaobh slàinte shùl susbaint The university announced it will offer a new optometry programme to address the growing demand for eye care services in the North of Scotland. The course will be the first new optometry degree to be launched in Scotland in almost 50 years.

Ceum ùr a bheir freagairt air fàs san fheumalachd a thaobh slàinte shùl

Thug an t-oilthigh fios gun tairg e prògram optomatrachd ùr a thoirt freagairt air an iarraidh fhàsmhor a th’ ann air seirbheisean cùram shùl an ceann tuath na h-Alba. Bidh an cùrsa seo air a’ chiad cheum optomatrachd ùr a chaidh a stèidheachadh an Albainn o chionn cha mhòr 50 bliadhna.

Oileanach à Slèite air a h-ainmeachadh mar Thosgaire Òg Gàidhlig susbaint BA childhood practice student, Lucy Hannah, was named as this year’s Young Gaelic Ambassador Daily Record Gaelic Awards. Lucy manages Fàs Mòr, a childcare centre at Sabhal Mòr Ostaig UHI, which offers day-care through the medium of Gaelic.

Oileanach à Slèite air a h-ainmeachadh mar Thosgaire Òg Gàidhlig

Chaidh oileanach BA ann an cleachdadh leanabachd, Lucy Hannah, ainmeachadh mar Thosgaire Òg Gàidhlig na bliadhna seo an Duaisean Gàidhlig an Daily Record. Tha Lucy a’ riaghladh Fàs Mòr, ionad cùraim-chloinne aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, a tha a’ tairgsinn cùram-latha tro mheadhan na Gàidhlig.

Maoin Leasachadh Oileanaich a’ ruigsinn clach-mhìle susbaint The university’s student development fund is celebrating its tenth birthday. Launched in October 2009, it has supported over 400 students to take advantage of personal development opportunities in connection with their course that would otherwise be missed due to financial constraints.

Maoin Leasachadh Oileanaich a’ ruigsinn clach-mhìle

Tha maoin leasachadh oileanaich an oilthigh a’ comharrachadh deich bliadhna on a chaidh a stèidheachadh. Agus i air a cur air bhonn an Dàmhair 2009, thug i taic do bharrachd is 400 oileanach gus an dèanadh iad buil de chothroman fèin-leasachaidh co-cheangailte ris a’ chùrsa aca a rachadh a chall, mura b’ e sin, air tàilleabh chuingealachdan airgid.

Colaiste Mhoireibh UHI a’ com-pàirteachadh le Gòrdan & MacPhail susbaint Moray College UHI launched a new continuing professional development programme for business leaders. The ‘responsible leadership and development for contemporary business’ course has been developed in partnership with family owned alcoholic drinks company, Gordon & MacPhail.

Colaiste Mhoireibh UHI a’ com-pàirteachadh le Gòrdan & MacPhail

Stèidhich Colaiste Mhoireibh UHI prògram leasachaidh dhreuchdail leantainnich ùr do cheannardan gnothachais. Chaidh an cùrsa ‘ceannardas is leasachadh ciallach do ghnothachas an latha an-diugh’ a chruthachadh an com-pàirteachas leis a’ chompanaidh dheochannan-làidir theaghlachail, Gòrdan & MacPhail.