Lùnastal

Craoladair leis a’ BhBC air a taghadh mar alumnus na bliadhna susbaint Anne Lundon, a Scottish media broadcaster who studied at Lews Castle College UHI, was named as the university’s alumnus of the year.

Craoladair leis a’ BhBC air a taghadh mar alumnus na bliadhna

Chaidh Anne Lundon, craoladair ann am meadhanan na h-Alba a rinn ionnsachadh aig Colaisde a’ Chaisteil UHI, ainmeachadh mar alumnus na bliadhna leis an oilthigh.

 

Rannsachadh a’ sgrùdadh buaidh fhalaisgean mòintich susbaint A new study was launched to explore the impact of a wildfire on peatland in Caithness and Sutherland. Peatlands are renowned for their ability to soak up carbon dioxide from the atmosphere, to promote biodiversity and to provide high quality water.

Rannsachadh a’ sgrùdadh buaidh fhalaisgean mòintich

Chaidh rannsachadh ùr a chur air bhonn a sgrùdadh buaidh falaisg air mòinteach ann an Gallaibh is Cataibh. Tha mòintichean ainmeil airson a’ chomais a th’ aca a bhith a’ sughadh dà-ogsaid gualain às an àile, a bhith ag adhartachadh bith-iomadachd agus a bhith a’ solar uisge de mhathas àrd.

 

An t-oilthigh a’ ceannach an Ionaid Saidheans Slàinte susbaint The university purchased the Centre for Health Science in Inverness from Highlands and Islands Enterprise in a £9.83 million deal. The sale will contribute to the continued development of the School of Health, Social Care and Life Sciences.

An t-oilthigh a’ ceannach an Ionaid Saidheans Slàinte

Cheannaich an t-oilthigh an t-Ionad Saidheans Slàinte ann an Inbhir Nis o Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean ann am bargan a b’ fhiach £9.83 muillean. Cuiridh an reic seo ri leasachadh leantainneach na Sgoile Slàinte, Cùraim Shòisealta is Shaidheansan Beatha.

 

Bursaraidh ceumnachaidh a thoirt taic do dh’oileanaich a bh’ ann an cùram susbaint The university introduced a bursary to support care experienced students to participate in graduation ceremonies. The new bursary provides assistance for costs such as gown hire, photography, travel and accommodation.

Bursaraidh ceumnachaidh a thoirt taic do dh’oileanaich a bh’ ann an cùram

Chuir an t-oilthigh bursaraidh air bhonn a chuideachadh le oileanaich a bh’ ann an cùram a bhith a’ gabhail pàirt ann an cuirmean-ceumnachaidh. Bheir am bursaraidh ùr cuideachadh le costasan leithid fastadh ghùintean, dealbhan a thogail, siubhal agus cuid-oidhche.

 

Soirbheachadh ann an co-oibreachadh air fèis susbaint Lews Castle College UHI sponsored the Hebridean Celtic Festival’s acoustic stage and organised a competition for past and present music students to play at the event.

Soirbheachadh ann an co-oibreachadh air fèis

Thug Colaisde a’ Chaisteil UHI urrasachd airson àrd-ùrlar nan inneal-ciùil neo-dhealanach aig Fèis Cheilteach Innse Gall agus chuir i farpais air dòigh do dh’fheadhainn a tha is a bha nan oileanaich ciùil a bhith a’ cluich aig an fhèis.