Cèitean

An t-oilthigh a’ cur a-mach a’ Phlana Ghàidhlig as ùire aige susbaint The university’s third Gaelic Language Plan shows how we will promote and develop the use of Gaelic through our practices, curriculum and communications.

An t-oilthigh a’ cur a-mach a’ Phlana Ghàidhlig as ùire aige

Tha treas Plana Gàidhlig an oilthigh a’ leigeil fhaicinn mar a dh’adhartaicheas is mar a leasaicheas sinn am feum a nithear den Ghàidhlig tro na cleachdaidhean, an curaicealam is na conaltraidhean againn.

 

Teiripe ùr gealltanach ann a bhith ag obair air aillse a’ ghrùthain susbaint Professor Jun Wei has devised a kit for screening blood bank stock for samples with high levels of a cancer-fighting antibody.

Teiripe ùr gealltanach ann a bhith ag obair air aillse a’ ghrùthain

Tha an t-Àrd-ollamh Jun Wei an dèidh acainn innleachadh airson stoc bhancaichean fala a rannsachadh a dh’amas air sampallan le mòr-thomhas de fhrith-chorpanan a chuireas an aghaidh aillse.

 

Comharra-malairt air a thoirt don oilthigh susbaint The university was gifted the “Made in Scotland” trademark so students and alumni can use the brand to endorse their products and services.

Comharra-malairt air a thoirt don oilthigh

Chaidh an comharra-malairt “Made in Scotland” a thoirt na thìodhlac don oilthigh gus am faod oileanaich is alumni am brannd a chleachdadh mar thaic do na toraidhean is na seirbheisean aca.

 

Sabhal Mòr Ostaig UHI a’ toirt taic do thaisbeanadh nàiseanta susbaint Sabhal Mòr Ostaig UHI partnered with National Museums Scotland to produce content for the Wild and Majestic: Romantic Visions of Scotland exhibition. The exhibition examined how Scotland became established in the popular imagination as a land of wilderness, heroism and history, and how tartan, bagpipes and wild landscapes became symbols of Scottish identity.

Sabhal Mòr Ostaig UHI a’ toirt taic do thaisbeanadh nàiseanta

Chaidh Sabhal Mòr Ostaig UHI an com-pàirteachas ri Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba airson susbaint a sholar don taisbeanadh Fiadhaich Glòrmhor: Seallaidhean Romansach de dh’Alba. Rinn an taisbeanadh sgrùdadh air mar a chaidh Alba a stèidheachadh sa mhac-meanmna mar thìr nam beann, nan gleann ’s nan gaisgeach, agus mar a mhaireadh an t-èideadh Gàidhealach, a’ phìob mhòr agus na beanntan àrda nan samhlaidhean air fèin-aithne na h-Alba.