Fàilte

Lèirmheas Bliadhnail 2019 susbaint

Lèirmheas Bliadhnail 2019

B’ e bliadhna iomairteach eile a bh’ ann an 2019 ann am beatha ar n-oilthigh, agus iomadh rud togarrach ùr a’ tachairt air feadh a’ chom-pàirteachais againn agus nas fhaide às.

Chuir sinn fàilte air a’ chiad bhuidhinn againn de dh’oileanaich banais-ghlùine san Fhaoilleach, chuir sinn ar dàrna Plana Cànain Gàidhlig air bhog sa Chèitean, bhuilich sinn a’ chiad dotaireachd againn san t-Sultain, agus chomharraich sinn deicheamh ceann-bliadhna na maoine leasachadh oileanaich againn san t-Samhain.

Dh’innis Comhairle Maoineachaidh na h-Alba gu bheil colaistean na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ coileanadh nas àirde na cuibheasachd na h-earrainn ann a bhith a’ toirt taic do dh’oileanaich gus an cuid ionnsachaidh a chrìochnachadh, chuir sinn crìoch air ceannach an Ionaid Saidheans Slàinte ann an Inbhir Nis agus dh’fhoillsich sinn ceumannan ùra nuadhasach ann an optomatrachd agus dealbhadh bathar-bog gnìomhaichte.

Am measg nam prìomh thachartasan eile bha sinn an sàs ann an Seachdain Thartain Eabhairc Nuaidh agus ann an cruthachadh a’ chiad charbaid-adhair mhòir a tha ga chumail a’ dol le iomanachd fleodrachd chaochlaideach. Bha mi sònraichte toilichte am bursaraidh ùr againn a bhith air a chur air bhonn a bheir taic do dh’oileanaich a bha ann an cùram airson pàirt a ghabhail ann an cuirmean-ceumnachaidh.

Chan eil an seo ach blasad de na bha a’ dol feadh chom-pàirteachas an oilthigh ann an 2019. Tha mi an dòchas gum bi tlachd agaibh de bhith a’ leughadh mu na tachartasan seo agus iomadh gin eile a tha ri fhaicinn san lèirmheas bhliadhnail againn, a tha, am-bliadhna, airson a’ chiad uair, na fhoillseachadh a tha air loidhne na iomlanachd.

Bu toigh leam mo bhuidheachas a chur an cèill do na h-oileanaich, an luchd-obrach, na h-alumni is na com-pàirtichean againn air fad airson na taice a thug iad fad na bliadhna. Is e rùn an oilthigh buaidh chruth-atharrachail a thoirt air an sgìre againn, an t-eaconamaidh aice, an sluagh aice agus na coimhearsnachdan aice. Cha tèid againn air seo a choileanadh ach le bhith a’ co-obrachadh - is uile-chudromach an taic is na h-oidhirpean a chuireas sibhse ris an iomairt.

Tha mi a’ dèanamh fiughair gus am faic mi dè tha romhainn ann an 2020 mar a leanas sinn oirnn ag obair le chèile gus an toir sinn deagh bhuaidh air an sgìre againn fhèin agus air feadh na cruinne.

An t-Àrd-ollamh Crichton Lang,
Prionnsapal is Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Professor Crichton Lang, Principal and Vice-Chancellor