8.6 Solar

susbaint

Facal-toisich

Is e fiosrachadh mu phoileasaidhean, modhan-obrach is rèiteachaidhean na stèidheachd a thaobh solar a bheirear san earrainn seo. Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.

Faodaidh solar co-oibreachail a bhith air a stiùireadh le buidhnean meadhanach mar a tha Solar na h-Alba, APUC Eta, Excel, Solar Nàiseanta Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte no Ionad Sàr-eòlas Solair an Àrd-riaghaltais. Gheibhear fiosrachadh mu na seirbheisean solair a bheir na buidhnean seo don stèidheachd dìreach o na buidhnean fhèin.

Gnothach a dhèanamh ri Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

 

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a chumail air ais

Poileasaidhean solair

Ro-innleachd choitcheann na stèidheachd airson caiteachas nach tuarastal a sholar agus poileasaidhean airson cumail ri dleasnasan laghail a thaobh obraichean solair mòra

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Modhan-obrach airson solair

Leabhraichean-làimhe na stèidheachd air solar is ceannach

Pàirt den phoileasaidh solair

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Luchd-conaltraidh a thaobh solair

Fiosrachadh conaltraidh airson eòlas mu sholar is ceannach

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Sgrìobhainnean tairgseachaidh

Brathan cunnraidh gairm cho-fharpais a tha air an cur sìos leis an Aonadh Eòrpach, cuiridhean a thairgseachadh, agus sgrìobhainnean a’ cheisteachain a dhearbhadh airidheachd ro làimh airson sholarachaidhean mòra

Bidh tairgsean air am foillseachadh air làrach-lìn Chunnraidhean Poblach na h-Alba

Cuiridhean a thairgseachadh agus sgrìobhainnean a’ cheisteachain a dhearbhadh airidheachd ro làimh agus fiosrachadh mu obraichean solair cudromach a dh’fhaodadh a bhith ann.

 

Gun phàigheadh

 

Cunnraidhean luchd-solair

Brathan buileachaidh a tha air an cur sìos leis an Aonadh Eòrpach airson chunnraidhean mòra os cionn stairsnichean an AE

Foillsichear fiosrachadh air làrach-lìn Chunnraidhean Poblach na h-Alba

 

Gun phàigheadh

Chan fhoillsichear fiosrachadh far am briseadh sin dìomhaireachd fo R.36 agus/no ar leas malairteach fo R.33 den Achd.