2022 - Jimmy Hendry

susbaint

Cheumnaich Jimmy Hendry bho Cholaiste Pheairt UHI ann an 1997. Fhuair e chan e a-mhàin MA ann am Plumaireachd, SVQ Ìre 3, ach cuideachd duais Preantas na Bliadhna.

Bhon uair sin, tha e air plumaireachd a theagasg aig Institiud Teicneòlais Mèinnearachd Namibia, agus e cuideachd ag obair dha Buidheann nan Seirbheisean Saor-thoileach a’ teagasg AIDS agus mothachadh HIV. An dèidh sin bha e na Theicneòlaiche Glèidhidh Meacanaigeach air ionad Rannsachaidh Halley 6 air sgeilp-deighe Brunt san Antartaig.

Ann an 2016, thill e a UHI gus tòiseachadh a’ teagasg plumaireachd aig UHI Inbhir Nis agus fhuair e Duais Mheasadairean ann an 2018. Aig an aon àm, chaidh a dhèanamh na Chompanach de Institiud Cùmhnantaichte nan Innleadairean Plumaireachd is Teasachaidh.

Ann an 2020, mar chomharra air na chuir e ri gnìomhachas na plumaireachd, fhuair e an duais chliùiteach ‘Master Plumber’ a chaidh a thoirt seachad le Àrd-Bhàillidh Lunnainn. Agus ann an 2021, chaidh ‘Saorsa Cathair Lunnainn’ agus ‘Freedom of the Worshipful Company of Plumbers, London’ a thoirt dha.

Tha Jimmy air a bhith na urrasair air farpais gnìomhachais CREATE airson an dà bhliadhna a dh’fhalbh agus cheumnaich e le UHI a-rithist am-bliadhna leis an duais Teisteanas Teagaisg Foghlam Adhartach aige!

Thuirt Alison Wilson, Stiùiriche Adhartais agus Com-pàirteachaidh Alumni aig UHI: “Tha Jimmy air eadar-dhealachadh mòr a dhèanamh agus air tòrr a choileanadh na dhreuchd, an dà chuid air feadh na roinne agus gu h-eadar-nàiseanta. Tha eachdraidh fhada air a bhith aige le UHI a’ tòiseachadh le Colaiste Pheairt UHI, an-dràsta na òraidiche aig UHI Inbhir Nis, agus a-nis cuideachd a’ toirt taic dha farpais gnìomhachais CREATE! Tha an sgeulachd aige a’ toirt brosnachadh do chàch, agus tha e sgoinneil a bhith ga fhaicinn a’ ceumnachadh le UHI a-rithist am-bliadhna.”

 

Jimmy Hendry receiving award from Alison Wilson

Jimmy Hendry a' faighinn duais bho Alison Wilson

“Tha a bhith a’ faighinn na duaise seo a’ ciallachadh tòrr dhomh. Tha e a’ sealltainn dha na h-oileanaich na ghabhas coileanadh a bharrachd air a’ chiad theisteanas aca. Tha e cuideachd a’ sealltainn gu bheil òraidichean agus luchd-obrach OGE a’ sìor leasachadh nan sgilean ann an saoghal a tha a’ sìor atharrachadh.

Tha an duais seo a’ nochdadh, chan ann a-mhàin air mo thuras fhìn, ach air dealas, spionnadh agus obair chruaidh nan diofar sgiobaidhean air feadh UHI, a tha ag obair gus ar coimhearsnachdan a leasachadh agus taic a thoirt dhaibh gus ceangal a sholarachadh ri ionnsachadh, agus deòin ar sgìre a leasachadh, an dà chuid gu dreuchdail agus gu h-acadaimigeach.”