Buannachdan do dh’alumni
Tha cothrom aig alumni uile air an raon de bhuannachdan agus de sheirbheisean gu h-ìosal.
Ma tha thu ann an suidheachadh airson lasachadh a thabhann do na co-alumni agad no beachdan sam bith a neartaicheas an raon de bhuannachdan a tha sinn a’ tairgsinn – b’ fhìor mhath leinn cluinntinn bhuat!

Taic dhreuchdan
Tron t-seirbheis FutureMe againn, bidh sinn a’ tabhann taic leasachaidh dreuchd, uair sam bith a bhios feum agad air agus ge bith càite a bheil thu san t-saoghal.

Lasachadh air cùrsaichean iar-cheumnach
Tha lasachadh de 10% airson nan cùrsaichean iar-cheumnach teagaisgte Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Cothrom aig alumni air Goireasan-d
Leanaibh oirbh le ur rannsachadh agus beathaichibh ur n-inntinn le cothrom gun phàigheadh air Goireasan-d.

Cleachdadh air a’ chomharra-malairt 'Dèante ann an Alba’
Faodaidh alumni UHI iarraidh an comharra-malairt seo a chleachdadh, an-asgaidh, air bathar no seirbheisean sam bith a tha iad a’ solarachadh, fhad ’s a tha slatan-tomhais shònraichte air an coileanadh.

Lorg caraid
Ma tha thu air ceangal a chall le seann charaid on oilthigh no bhon sgoil agus gum bu mhath leat ceangal a dhèanamh a-rithist, dh’fhaodadh gun urrainn dhuinn cuideachadh tro ar seirbheis lorg-caraid.