UHI air a mheas aig an ìre as fheàrr ann an Alba airson sàsachadh oileanaich iar-cheumnach

Tha oileanaich iar-cheumnach aig UHI air an eòlas ionnsachaidh aca a mheas aig an ìre as fheàrr ann an Alba ann an suirbhidh air feadh na RA.

see full size image
Alice Mainland

Fhuair UHI sgòr de 95% ann an riarachaidh oileanaich anns an t-Suirbhidh Eòlais Teagaisgte Iar-cheumnach 2022. Tha an toradh a’ ciallachadh gun d’ fhuair UHI an ìre as àirde de dh’oilthigh Albannach sam bith eile agus gu bheil e air a bhith sa cheathramh àite a-mach às na 91 institiùdan com-pàirteachaidh air feadh na RA.

Air a cho-òrdanachadh le Advance HE, tha an t-Suirbhidh Eòlais Teagaisgte Iar-cheumnach a’ toirt cuireadh do dh’oileanaich am beachdan a thoirt seachad air prògraman oilthighean iar-cheumnach air an teagasg. Bithear a’ faighneachd do dh’oileanaich mu raointean a’ gabhail a-steach teagasg, measadh agus taic.

Chrìochnaich còrr is 120 oileanach bho air feadh UHI suirbhidh na bliadhna-sa. Thug luchd-freagairt rangachadh air leth àrd do UHI airson eagrachadh, conaltradh, teagasg, measadh agus taic.

A’ bruidhinn air na co-dhùnaidhean, thuirt an Dr Iain Moireasdan, Deadhan Eòlas nan Oileanach: “’S e toraidhean air leth a tha seo. Is e oileanaich na britheamhan as fheàrr air na tha a’ dèanamh foghlam math agus tha e na chliù mòr don luchd-obrach iongantach againn a bhith air an rangachadh aig an ìre as àirde san dùthaich. A’ tighinn cho luath às deidh ar toraidhean fìor àrd de shàsachadh oileanaich fo-cheumnach, tha an t-suirbhidh seo a’ dearbhadh gum bu chòir dha UHI a bhith mar a’ chiad roghainn do dhuine sam bith a tha a’ beachdachadh air ionnsachadh for-cheum am-bliadhna.”

Thuirt Heather Innes, Ceann-suidhe Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “Tha na toraidhean seo a’ riochdachadh slighe siubhail soilleir do dh’ oileanaich iar-cheumnach agus an eòlas aca aig UHI. Chan eil UHI air seasamh san aon àite air an obair chudromach a tha an lùib a bhith a' cruthachadh coimhearsnachd dha ar buill agus a' leasachadh an eòlas acadaimigeach. Tha na toraidhean gu cinnteach na adhbhar a bhi toilichte. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bliadhna sgoinneil eile far am bi sinn a’ cur fàilte air oileanaich iar-cheumnach air ais airson toiseach an t-seisein agus cuideachd ris an obair com-pàirteachais chudromach le UHI gus an eòlas aca a dhèanamh eadhon nas fheàrr.”

Dè an teachdaireachd a chanas sinn mu dheidhinn tagradh? Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean for-cheum aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, tadhail air www.uhi.ac.uk

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun t-Suirbhidh Eòlais Teagaisgte Iar-cheumnach, tadhail air www.advance-he.ac.uk/reports-publications-and-resources/postgraduate-taught-experience-survey-ptes

Rannsachadh Cùise

Chrìochnaich Alice Mainland ceum BA (le Urram) ann an eachdraidh le UHI ann an 2020 agus MLitt Eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an 2021, ag ionnsachadh bhon dachaigh aice ann an Arcaibh. Thuirt i:

“Bha an t-adhartas bho fho-cheum gu for-cheum air a theagasg a’ feumachdainn ìre obrach nas àirde, riaghladh ùine agus fèin-bhrosnachadh, ach bha an taic agus am brosnachadh bhon sgioba teagaisg sgoinneil a’ ciallachadh gur e gluasad rèidh a bh’ ann.

“Ged a tha feum aig a’ mhaighstireachd seo air tòrr obair chruaidh, diongmhaltas agus sgrùdadh neo-eisimeileach, tha na sgilean agus an t-eòlas a fhuair mi air leth luachmhor agus tha iad air mo dheagh ullachadh airson a’ chùrsa-beatha a tha planaichte agam ann an roinn an fhoghlaim no an dualchais.”

Cheumnaich Adrian Allan bho MLitt Eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aig UHI sa Ghearran 2022. Thuirt e:

“Bha a h-uile dad mun MLitt a’ freagairt air na h-ùidhean agam. Chòrd e rium gum b’ urrainn dhomh an teisteanas a shuidheachadh timcheall air a’ chlàr-obrach agam mar thidsear feumalachdan sònraichte, stèidhichte ann am Manchester. Bha saorsa agam aonadan a ghabhail aig an ìre agam fhìn agus thug e beagan is trì bliadhna dhomh an MLitt a chrìochnachadh. Thog e m’ ùidh san t-saoghal acadaimgeach agus tha e air cothroman ùra fhosgladh dhomh airson an dà chuid teagasg agus tuilleadh ionnsachaidh. Tha seo uile mar thoradh air cùrsa air a dheagh dhealbhadh agus sgioba luchd-obrach air leth taiceil.”