Bàs A Mòrachd Rìoghail, A’ Bhanrigh Ealasaid II

Tha sinn uile aig UHI fo bhròn an dèidh cluinntinn mu bhàs A Mòrachd Rìoghail, A’ Bhanrigh Ealasaid 11.Tha mi air co-fhaireachdainn a chur gu ar Seansalair, HRH A’ Bhanrigh Rìoghail, agus a teaghlach aig an àm dhuilich seo.

Tha sinn ag aithneachadh a dealais fad a beatha a thaobh seirbheis phoblach agus a’ co-roinn a gràdh do ar dùthaich àlainn.

Mar chomharra spèis, cuiridh sinn stad air gnìomhachdan nach eil èiginneach tarsainn ar com-pàirteachais gus an latha an dèidh a tiodhlacaidh stàite.

Bidh àrainnean ionadail ann an conaltradh ri oileanaich a dh’innse dhaibh mu atharrachaidhean sam bith ann an clàran-ama agus rèiteachaidhean a thaobh cothrom a-steach ionadail air latha an tiodhlacaidh stàite, ma bhios sin iomchaidh.