Comhairliche le eòlas a dol a-steach don oilthigh ann an dreuchd riaghlaidh chudromach

Tha Sìne Stiùbhart air a cur an dreuchd mar rùnaire an oilthighe aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus bheir i seachad comhairle agus stiùireadh ro-innleachdail do chùirt an oilthighe, buidheann riaghlaidh an oilthighe.

see full size image
Sìne Stiùbhart

Tha am prìomh dhleastanas seo cuideachd ag eagrachadh obair na cùirte agus nan comataidhean co-cheangailte rithe agus ag obair mar chomhairliche earbsach do bhuill na cùirte mu thimcheall phròtacalan agus gèilleadh ri dleastanasan laghail is reachdail.

Tha Sìne, aig a bheil ceanglaichean teaghlaich dlùtha ris an Eilean Sgitheanach, a' tighinn a-steach à Oilthigh Obar Tatha far a bheil i an-dràsta na rùnaire aig an oilthigh, agus i air a bhith san dreuchd sin airson faisg air deich bliadhna.

Chuir Alasdair MacColla, cathraiche cùirt an oilthighe, fàilte air an eòlas a tha Sìne a’ toirt don dreuchd seo:

“Tha sinn fortanach gun urrainn dhuinn rùnaire cho eòlach a thàladh chun na dreuchd comhairleachadh riaghlaidh chudromaich seo aig àm deatamach nar leasachadh mar stèidheachd.

“Tha eòlas math aig Sìne mar-thà air ar com-pàirteachas agus tha i an-dràsta a’ frithealadh mar Iar-chathraiche air Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a’ bhuidheann a tha a’ riochdachadh oileanaich bho air feadh na sgìre againn. Bidh i a’ tighinn thugainn agus sinn a’ gluasad a-steach gu caibideil ùr nar n-eachdraidh an dèidh deich bliadhna nar n-oilthigh a chomharrachadh ann an 2021. Tha sinn air tòrr a choileanadh anns a’ chiad deich bliadhna, ach tha tòrr a bharrachd ri thighinn, agus tha mi a’ cur fàilte air comhairle Sìne agus sinn a’ leantainn ar misean gu seirbheis a thoirt do ar coimhearsnachdan agus ar n-oileanaich.”

Tha dreuchdan air a bhith aig Sìne mar neach-gairm Buidheann Rùnairean Oilthighean na h-Alba; ball de Chomataidh Gnìomha Comann Cheannardan Rianachd Oilthigh na RA; stiùiriche neo-ghnìomhach air Solarachadh Adhartach airson Oilthighean is Colaistean Earranta; agus ball de Fhòram Leasachadh Riaghladh AdvanceHE.

A’ bruidhinn mun dreuchd aice, thuirt Sìne Stiùbhart: “Tha mi air leth toilichte a bhith an cois Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus a bhith mar phàirt den ìre seo de leasachadh an oilthighe. An dèidh a bhith mar phàirt de bhòrd urrasairean Chomann Oileanaich na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean airson faisg air còig bliadhna, tha rùn, iomadachd agus sàr-mhathas na coimhearsnachd air fad brosnachail agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur ri seo.”

Bidh Sìne Stiùbhart a’ tighinn gu àrd-sgioba an oilthighe air 28 Màrt.