UHI a’ comharrachadh clach-mhìle leis na ciad cheumnaichean ann an optomatrachd-gd
Chomharraich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) clach-mhìle chudromach Diardaoin 14 Samhain, nuair a cheumnaich a’ chiad bhuidheann bhon phrògram BSc (le Urram) aca ann an Optomatrachd. B’ e Seansalair UHI, A Mòrachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, a bha air ceann an tachartais.
Sa chuirm-cheumnachaidh altramais is optomatrachd aige ann an Eden Court ann an Inbhir Nis, chuir UHI fàilte air 600 aoigh, agus gàirdeachas ga dhèanamh ris na choilean còrr is 130 de dh’oileanaich ann an altramas is optomatrachd bho na h-àrainnean aige ann an Inbhir Nis is Steòrnabhagh.
Chaidh am BSc (le Urram) ann an Optomatrachd, a’ chiad chùrsa ùr den t-seòrsa ann an Alba o chionn cha mhòr 50 bliadhna, a dhealbhadh gus solar a dhèanamh airson an iarrtais fhàsmhoir air seirbheisean cùram shùl coileanta ann an ceann a tuath na h-Alba, gu sònraichte ann an coimhearsnachdan dùthchail.
Tha UHI air aon den dà stèidheachd, dìreach, ann an Alba a tha a’ tabhann foghlam fo-cheum ann an optomatrachd, agus o chionn ghoirid fhuair am prògram optomatrachd aige làn aonta bho Chomhairle Choitcheann an t-Sùil-leighis. Tha an t-aonta seo a’ daingneachadh dealas UHI a thaobh a bhith a’ coinneachadh ri feumalachdan cùram slàinte atharrachail choimhearsnachdan ionadail agus a’ cur UHI air thoiseach ann am foghlam cùram lèirsinn anns na sgìrean air a bheil e a’ frithealadh. Chan e a-mhàin gu bheil am prògram a’ dèanamh solar airson an iarrtais làithrich ach tha e cuideachd a’ feuchainn ri inbhean ùra a shuidheachadh ann an cùram lèirsinn airson nan ginealaichean ri teachd.
Chaidh duaisean sònraichte a thoirt seachad aig a’ chuirm cuideachd a chliùiteachadh euchdan air leth. Chaidh an duais airson an oileanaich a b’ fheàrr ann an eòlas optomatrach adhartach, a bha air a sholar le Carthannas nan Siat Eanchainn, a thoirt do Rachel Milne à Inbhir Uaraidh. Thuirt Rachel fhèin:
“Cha b’ urrainn dhomh a bhith na bu taingeile airson an teagaisg agus na taice air leth a fhuair mi aig UHI. Tha e na shochair na h-uimhir de optomatraichean agus òraidichean gnàth-eòlach a bhith a’ pàirteachadh an cuid fiosrachaidh agus a’ toirt seachad taic gus na bunaitean a chruthachadh air an gabh cùrsa-obrach soirbheachail a thogail ann an optomatrachd. ’S e baile-mòr beothail a th’ ann an Inbhir Nis làn chothroman agus cosnaidh, an dà chuid an àm a bhith ag ionnsachadh agus an dèidh ceumnachadh. Tha mi moiteil às na rudan a choilean mi aig UHI, agus tha e gasta fhèin iad a bhith air an aithneachadh leis an duais seo. Tha mi a’ dèanamh fiughair gu mòr ri bhith a’ cleachdadh an eòlais agus nan sgilean a fhuair mi airson cùram a thoirt do dh’euslaintich sa choimhearsnachd.”
Fhuair Kiera Logan à Glaschu an Duais airson Sàr-mhathais ann an Optomatrachd Coimhearsnachd fo urrasaireachd Specsavers, agus an duais airson a’ Choileanaidh Choitchinn a b’ Fheàrr le Oileanach, fo urrasaireachd an Worshipful Company of Spectacle Makers. Agus i a’ bruidhinn air an àm a bha i aig UHI agus na duaisean aice, thuirt Kiera fhèin:
“An t-àm a bha mi san oilthigh, bha e gun samhail, oir chan e rud bitheanta a th’ ann duine a bhith ann am buidheann bliadhna bheag mar a bha sinne. Tha mi taingeil do na h-òraidichean uile aig UHI airson cho dìcheallach ’s a bha iad a thaobh an fhoghlaim agam agus airson taic a thoirt dhomh tro bhliadhnaichean a bha cruaidh. Tha mi a’ faireachdainn uabhasach moiteil asam fhìn gun do choisinn mi an dà dhuais seo, oir tha e a’ sealltainn mar a fhuair mi buannachd às an an obair chruaidh air fad a rinn mi!"
B’ e Kiera cuideachd a chuir an cèill taing o na h-oileanach aig deireadh na cuirme, is thuirt i fhèin:
“Is e latha anabarrach pròiseil, euchdach agus car beag brònach a th’ againn an-diugh agus sinn a’ fàgail soraidh slàn leis a’ chaibideil seo nar beatha. Don luchd-obrach air fad aig Ionad UHI airson Saidheansan Slàinte Dùthchail, tapadh leibh gun robh barrachd annaibh na dìreach luchd-foghlaim. Is e meantoran, luchd-iùil agus iomadh rud eile a bh’ annaibh. B’ e cho dealasach ’s a bha sibh airson an fhoghlaim againn agus nan cùrsaichean-obrach a bhios againn ann an cùram slàinte a bu sholas-iùil dhuinn tro na dùbhlain agus na buaidhean. Tha sinn taingeil airson an eòlais, nan sgilean agus nan luachan a stèidhich sibh annainn.”
Tha UHI a’ leantainn air a thuras a thaobh foghlam optomatrachd, is am prògram ùr Maighstir ann an Optomatrachd (MOptom) le Ro-òrdachadh Neo-eisimeileach a’ tòiseachadh ann am foghar 2025. Tha am prògram seo ann an co-chòrdadh ri bun-tomhasan a tha a’ gluasad air aghaidh a thaobh foghlam ann an dreuchd na h-optomatrachd air feadh na RA, agus e ri bhith ag uidheamachadh cheumnaichean san àm ri teachd le sgilean is teisteanasan feabhasaichte.
Faodaidh tagraichean cur a-steach a-nis airson faighinn a-steach san t-Sultain 2025 don phrògram MOptom le Ro-òrdachadh Neo-eisimeileach.