Tha am fèin-fhiosrachadh for-cheum aig UHI rangaichte mar an fhear as fheàrr ann an Alba airson na treas bliadhna ann an sreath
Airson na treas bliadhna an dèidh a chèile, tha oileanaich iar-cheumnach air Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) a mheas mar am fear as fheàrr ann an Alba airson riarachadh oileanaich thar cheann.
Anns an t-Suirbhidh Nàiseanta air an Fhèin-fhiosrachadh Theagaisgte Iar-cheumnach (PTES) ann an 2024, tha UHI air an ìre riarachaidh thar cheann as àirde a choileanadh ann an stèidheachd Albannach sam bith agus chaidh a rangachadh sa 15mh àite san RA, à 107 stèidheachdan a ghabh pàirt.
Fo stiùir Advance HE, tha am PTES a’ toirt cuireadh do dh’oileanaich am beachdan a chur an cèill air prògraman oilthigh iar-cheumnach teagaisgte. Bithear a’ faighneachd de dh’oileanaich mu raointean a’ gabhail a-steach teagasg, measadh agus taic, agus a rèir an luchd-fhreagairt b’ e UHI a b’ fheàrr ann an Alba airson teagasg agus measadh cuideachd.
Fhuair na cùrsaichean a leanas ann an UHI sgòran de 100% a thaobh riarachadh oileanaich thar cheann:
- MA Ealain Cho-aimsireil agus Arc-eòlas
- MA Slàinte is Sunnd
- MSc Ceannas agus Stiùireadh
- MLitt Eachdraidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean
- MA Ceòl agus an Àrainneachd
- MSc Atharrachadh gu Eòlas-inntinn
- MSc Leasachadh Seasmhach Bheanntan
Agus e a’ bruidhinn air na toraidhean, thuirt an t-Oll Iain Moireasdan, Deadhan Fhèin-fhiosrachadh nan Oileanach: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil an t-oilthigh againn, airson na treas bliadhna an dèidh a chèile, air a rangachadh sa chiad àite ann an Alba airson riarachadh oileanaich iar-cheumnach air prògraman teagaisgte. Tha an sàr euchd seo na theisteanas air dealas agus obair chruaidh ar luchd-obrach agus ar n-oileanaich, a tha le chèile a’ cruthachadh àrainneachd acadaimigeach a tha saoibhreach agus taiceil. An dealas a th’ againn a bhith a’ lìbhrigeadh fèin-fhiosrachadh foghlaim de dh’àrd-inbhe agus taic phearsanaichte, tha e soilleir gun do dhrùidh e air a’ choimhearsnachd iar-cheumnach againn. Tha sinn air leth moiteil às an aithneachadh seo agus cumaidh sinn oirnn a’ strì airson sàr-mhathais, a’ dèanamh cinnteach gum bi gach oileanach a roghnaicheas a bhith ag ionnsachadh aig UHI a’ faireachdainn gu bheil luach ga chur orra agus taic ga toirt dhaibh. Biodh bliadhna eile againn a’ seòladh an rathaid ann am foghlam for-cheum!”
Thuirt Ceann-suidhe Chomann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HISA), Uilleam Caimbeul: “Tha e sgoinneil UHI fhaicinn air a rangachadh sa chiad àite ann an Alba a-rithist airson fèin-fhiosrachadh nan oileanach san t-Suirbhidh air an Fhèin-fhiosrachadh Theagaisgte Iar-cheumnach. Tha an t-aithneachadh seo a’ nochdadh dealas agus obair chruaidh oileanaich agus luchd-obrach UHI.”
“Aig HISA, tha sinn a’ creidsinn ann an cumhachd ghuth nan oileanach. Tha an t-euchd seo a’ sealltainn, nuair a phàirticheas oileanaich am beachdan agus a bheir iad fios air ais, gun tèid coinneachadh ris na feumalachdan aca, agus gum faighear fèin-fhiosrachadh foghlaim cruth-atharrachail an lùib sin. Tha an t-euchd seo a’ soilleireachadh an t-sluaigh oileanaich eadar-mheasgte a th’ againn agus an luchd-obrach thaiceil a tha ag altram àrainneachd ionnsachaidh cho-obrachail agus ùr-ghnàthach, rud a dh’fhàgas gu bheil UHI na àite air leth airson ionnsachadh.”
“Meal-an-naidheachd air UHI agus a h-uile duine aig an robh làmh san t-soirbheachas seo, gu h-àraidh an sluagh oileanaich againn, a rinn cinnteach, agus iad a’ gabhail pàirt san t-suirbhidh seo, gum bi an guthan air an cluinntinn.”
Thuirt an t-Àrd-ollamh Sir Jonathan Van-Tam a rinn ionnsachadh airson PgCert Ceannas agus Stiùireadh aig UHI Inbhir Nis, “Tha mi nam Àrd-ollamh ann an slàinte a’ phobaill ann an Nottingham le iomadh ceum agus teisteanas. Mar a bha mi a’ dèanamh adhartas nam chùrsa-obrach, bha mi airson ionnsachadh foirmeil a dhèanamh ann an ceannas agus stiùireadh. Chlàraich mi ann an 2016, ach bliadhna às dèidh sin chaidh mo chur air iasad gu Roinn na Slàinte agus a’ Chùraim Shòisealta mar Leas-Phrìomh Oifigear Meidigeach airson Sasainn. Cha robh seo a’ fàgail mòran ùine agam airson ionnsachadh, rud a thug orm dàil a chur ann. Agus an uairsin thàinig an galar lèir-sgaoilte oirnn.”
“Tràth ann an 2022, bha mi a’ smaoineachadh nach robh agam aig a’ cheann thall ach aideachadh nach robh mi a’ dol a dhèanamh dheth agus tarraing a-mach às a’ chùrsa, ach chuir an luchd-obrach sgoinneil aig UHI Inbhir Nis ìmpidh orm cumail a’ dol. Leis an taic acasan agus an stoidhle shocair, thaiceil a bh’ ann de dh’ionnsachadh air-loidhne, chaidh cur nam chomas an cùrsa a chrìochnachadh. Nam bheachd-sa, mar sin, is e seòrsa glè shònraichte de dh’oilthigh a th’ ann an UHI. Bha mòran ceannais is stiùiridh ann mar phàirt den ‘obair latha’ agam agus tha e fìor chudromach fhios a bhith agam gu bheil na bunaitean teòiridheach agam a-nis bhon chùrsa seo.”
Thuirt Ella NicLaomainn, oileanach MSc ann am Fuasglaidhean Cumhachd Seasmhach aig UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall, “Bha mi air mo tharraing an toiseach gu ionnsachadh for-cheum le UHI air sgàth sàr chliù an oilthigh ann an earrainnean an lùtha is na h-àrainneachd; ge-tà, leis an structar ionnsachaidh air-loidhne agus sùbailteachd nan cùrsaichean b’ urrainn dhomh cuideachd cumail a’ dol ag obair làn-ùine fhad ’s a bha mi ag ionnsachadh gu neo-eisimeileach airson an MSc agam ann am Fuasglaidhean Cumhachd Seasmhach.”
“Tha am fèin-fhiosrachadh acadaimigeach agam gu lèir air a dhol fada thairis air an rud ris an robh mi an dùil. Bha an luchd-teagaisg agam anabarrach math, agus iad air fad nan sàr-eòlaichean san raon aca, rud a chuir gu mòr ri m’ ionnsachadh mu na cuspairean sìor-atharrachail seo ann an Alba; agus tha an taic agus am brosnachadh bhon luchd-obrach acadaimigeach agus an luchd-taic foghlaim air a bhith buan, daingeann."
Cheumnaich Will Hotopf le MSc ann an Leasachadh Beanntan Seasmhach bho Ionad Sgrùdaidhean Bheanntan, UHI Peairt, fhad ‘s a bha e a’ fuireach ann an Canada.
“B’ e an MSc Leasachadh Beanntan Seasmhach an cùrsa dhomh oir bha e inntinneach agus cuideachail airson leasachadh mo chùrsa-beatha. Thug an cùrsa seachad fèin-smachd agus eòlas a bhios air leth luachmhor a’ gluasad air adhart.”
“Chòrd an stoidhle teagaisg rium. Bha sùbailteachd an ionnsachaidh foirfe dhomh fhad ‘s a bha mi ag obair fhad‘ s a bha mi ag ionnsachadh, uaireannan le ceangal eadar-lìn cuibhrichte. Tha e air leth buannachdail an MSc a bhith agad. Tha mi mar-thà a’ cleachdadh na dh’ ionnsaich mi sa chùrsa agam ag obair dha Comann padaigeadh Quebec far am bi mi a’ measadh ion-dhèantachd, bun-structair agus seasmhachd slighe padaigeadh.”
Tha cùrsaichean for-cheuma UHI a’ freagairt air àrainneachd, cultar agus dualchas na Gàidhealtachd is nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt agus gu tric bidh iad ceangailte ri rannsachadh acadaimigeach a nì luchd-obrach is oileanaich. Tha iad a’ toirt a-steach chuspairean leithid leasachadh seasmhach, bith-theicneòlas lìoragaich, agus eachdraidh is arc-eòlas na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bithear a’ teagasg chùrsaichean gu h-ionadail bho sgìrean UHI agus tha iad ri am faighinn air-loidhne cuideachd air feadh an t-saoghail.
Tha àiteachan ri am faighinn airson ionnsachadh bhon t-Sultain 2024. Gus tagradh a dhèanamh, tadhlaibh air liosta chùrsaichean UHI.
Tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn an Fhèin-fhiosrachaidh Theagaisgte Iar-cheumnaich.