Sgoil Fhoghair: Cànan agus cultar na Gàidhlig ann an cridhe coimhearsnachd Innse Gall

Theirig an sàs ann an cànan agus cultar na Gàidhlig le cùrsa-bogaidh 5-làithean bho UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall.

Tha Gàidhlig aig cridhe dualchas nan eilein, agus gheibh oileanaich cothrom air leth a bhith ag ionnsachadh bho eòlaichean cànain agus beul-aithris. Chaidh an cùrsa seo a chruthachadh gus cothrom a thoirt dha oileanaich Gàidhlig ionnsachadh fhad ’s a tha iad air an cuartachadh le cultar an eilein.

Bidh an cùrsa a’ gabhail àite ann an Grinneabhat, ann am Bràdhagair air Taobh Siar Leòdhais. Bidh thu a’ fuireach ann an coimhearsnachd Gàidhealach, agus a’ gabhail pàirt ann an raon farsaing de thachartasan, leithid:

  • Clasaichean cànain
  • Turasan cultural
  • Ceòl agus òrain Gàidhlig.

Thuirt an t-Oll. Anna Frater, òraidiche UHI TIIG: “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ co-obrachadh le Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, gus a’ chùrsa seo a lìbhrigeadh ann an coimhearsnachd Gàidhlig.  Tha sinn an dòchas gun lean a’ cho-obrachadh seo gus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a mhisneachadh a bhith a’ cleachdadh a’ chànain taobh a-muigh a’ chlas.”

Thuirt Peigi Ann Shields bho Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil: “Bha sinn air leth toilichte gun deach iarraidh oirnn co-obrachadh le UHI TIIG air a’ phròiseict sònraichte seo.  Tha sinne ann an coimhearsnachd far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn, agus far a bheil a’ Ghàidhlig aig cridhe ar fèin-aithne agus ar n-obair.  Bidh sinn a’ teagasg clasaichean Gàidhlig fad na bliadhna agus a’ brosnachadh daoine aig nach eil Gàidhlig a bhith ga h-ionnsachadh.   Tha fiughair oirnn fàilte a chur air oileanaich a Ghrinneabhat san Dàmhair agus cothrom a thoirt dhaibh cur ris an eòlas a th’ aca air ar cànan agus ar cultar."

Feumaidh oileanaich àitichean-fuirich a chur air dòigh dhaibh fhèin. Tha àitichean rim faighinn ann an ostail Ghrinneabhait, no faodar liosta de dh’àitichean-fuirich eile san sgìre iarraidh.  Gus àite a ghlèidheil ann an ostail Ghrinneabhait, cuir post-d gu info@bragararnol.org no cuir fòn gu 01851710210 agus innis gum bi thu a’ fuireach mar phàirt de sheachdain bogaidh UHI TIIG. Chan urrainnear àite san ostail a ghlèidheil airson na seachdain seo tron làrach-lìn.

Tha an cùrsa còig làithean a’ cosg £100 an duine.  Feumaidh oileanaich a bhith 18 no nas sine.

Gus ùidh a’ chlàradh, agus airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir post-d gu – info@bragararnol.org