Talking Points le Saoghal Thormoid
Sreath de dheasbadan air an clàradh air Cànanan ann an Cunnart, Cànanan air an Rangachadh, agus Cànanan Taobh ri Taobh.
Sna seachdainnean mu dheireadh dhen phròiseact Mediating Multilingualism thàinig na com-pàirtichean eadar-nàiseanta sna h-oilthighean ann an Alba, Diaimeuga, agus sna h-Innseachan còmhla airson cuspairean san robh ùidh aca uile a dheasbad cuide ri luchd-labhairt às an Rioghachd Aonaichte aig a bheil cànanan coimhearsnachd. Chleachd iad pìosan a-mach à Saoghal Thormoid airson na deasbadan, a chaidh a chumail sa Bheurla, a thòiseachadh. Chaidh na còmhraidhean seo a chlàradh, agus tha iad a-nis ri fhaighinn air sianal YouTube Guthan nan Eilean.
Bheir an clàr shìos ceanglaichean ris na deasbadan gu lèir, cuide ris na criomagan le Tormod MacGill-Eain a’ bruidhinn.
Cuspair |
Còmhradh Clàraichte |
Criomag à Saoghal Thormoid |
Language Endangerment: Gaelic Trajectory? |
||
Language Hierarchies: English Ascendancy? |
||
Language Contact: Bilingual Balance? |