Saoghal Thormoid
Saoghal Thormoid - Norman's World
Tormod MacGill-Eain: cuimhneachan air beatha Gàidhealach dà-chànanach, ann an Glaschu, Loch Abar, agus Beinn na Faoghla
Thairis air seachdain sa Ghiblein 2016 chlàraich Gordon Wells sreath de chòmhraidhean leis an sgrìobhadair is cleasaiche ainmeil Tormod MacGill-Eain, agus e a' bruidhinn mu na cuimhneachan a bh' aige air a bheatha ann an Glaschu agus anns na h-Eileanan bho mheadhan an fhicheadamh lìnn air adhart. Tha na bhidiothan eadar 35 agus 55 mionaidean de dh'fhaide. Gheibhear tar-sgrìobhaidhean cuideachd air Clilstore, a bheir cuideachadh do luchd-ionnsachaidh a tha ag iarraidh faclan a lorg ann am faclairean air-loidhne.
Uile gu lèir, tha 27,000 faclan ann agus barrachd air trì uairean gu leth de stuth-èisteachd sa chruinneachadh seo, a tha na stòras air leth airson luchd-ionnsachaidh agus luchd-rannsachaidh. Thàinig measgachadh de chuspairean am bàrr tron t-seachdain, a' gabhail a-staigh faireachdainnean agus riochdachaidhean a dh'fhaodadh a bhith mì-chòmhfhurtail. Ach, san fharsaingeachd, bha cuspair sònraichte ann airson gach latha, mar a chithear sa chlàr shìos.
Gheibhear na còmhraidhean air Clilstore tro na ceanglaichean shìos. Anns gach aonad Clilstore chithear bhidio slàn air-loidhne (air YouTube), cuide ri tar-sgrìobhadh air a cheangal ri faclairean air-loidhne, agus geàrr-chunntas (fo "Unit Info").
Clilstore links |
---|
Diluain - Sinnsireachd |
Dimàirt - Foghlam |
Diciadain - Coimhearsnachdan |
Diardaoin - Cruthachalachd |
Dihaoine - Gàidhlig |
'S e pròiseact co-obrachail a bh' ann an "Saoghal Thormoid" eadar Soillse, agus Guthan nan Eilean, a' cleachdadh an Stòras Rannsachaidh aig Soillse. 'S e seòrsa de phìleat a bh' ann airson Stòras Beò nan Gàidheal, pròiseact nas motha a tha air a stiùireadh leis an Institiud Rannsachaidh Cànain.
Tha PDF ri fhaighinn leis na geàrr-chunntasan agus tar-sgrìobhaidhean gu lèir (agus ro-ràdh le Conchúr Ó Giollagáin) an seo: Saoghal Thormoid transcripts.