Mediating Multilingualism
Pròiseact le Oilthigh Amity, Haryana, Ionadan Innseanach airson Cànain ann an Cunnart, agus Aonad a’ Chànain Diameugach aig Oilthigh nan Innseachan an Iar, Mona.
Le taic bho Shoillse agus bho Shabhal Mòr Ostaig, tha an Institiud a' stiùireadh am pròiseact seo gus ceanglaichean a thogail le luchd-rannsachaidh sna h-Innseachan agus ann an Diameuga aig a bheil ùidh ann an ioma-chànanas agus cànain ann an cunnart no le cion taic. Anns a' chiad bhliadhna, 2018-2019, chaidh co-labhairt a chumail aig Amity University, Haryana, mar phàirt ann an cuairt anns an robh cothrom air tadhal air Ionadan airson Cànain ann an Cunnart (Centres for Endangered Languages) aig Oilthigh Jadavpur, Kolkata, agus Visva-Bharati, Santiniketan. Tha cunntas slàn ri fhaighinn, le ceanglaichean ri taisbeanaidhean, san aithisg seo aig Soillse.
San dàrna bhliadhna, bha cuideam ga chur air rannsachadh le dòighean ùra chlàraidh agus làraich-lìn cuideachail, a bharrachd air leasachadh air clàr-ghnothaich airson rannsachadh air an àrainneachd sòisealta airson cànain ann an cunnart. As dèidh buaidh ChOVID-19 chaidh cuideam a chur san eadarama air dàta air-loidhne a thaisbeanadh agus a leasachadh, feuch an gabhadh Clilstore a dhèanamh nas eifeachdaich ann a bhith a’ dèiligeadh le cànanan agus litridhean Innseanach. Chaidh aonadan a chruthachadh ann an ceithir cànanan eadar-dhealaichte, le dùil ri leasachaidhean a bharrachd:
Assamese | Bangla | Khasi | Tamil |
San treas bliadhna, chaidh fàilte a chur air Aonad a’ Chànain Diameugach anns a’ phròiseact. Am measg rudan eile, tha an t-aonad a’ rannsachadh a’ chànain Diameugach agus a’ putadh airson aithneachadh foirmeil airson a’ chànain, a bharrachd air a bhith ga theagasg do thùsanaich agus luchd-ionnsachaidh. ’S e a’ phàirt Dhiameugach sa phròiseact ach gum bithear a’ cruthachadh stuth claisteach agus lèirsinneach anns a’ chànan, a bharrachd air tar-sgrìobhaidhean, eadar-theangachaidhean, agus obair faclaireachd, agus a’ togail corpas le 500,000 facail.
Chaidh bun-stèidh làidir a chur ann a-nis airson na h-obrach seo uile. Leis nach eil taic no faclair air-loidhne ann fhathast airson a’ chànain Diaimeugach, chaidh “Custom Wordlists” a chur air dòigh gu h-àraid airson a’ phròiseict seo gus eisimpleirean de bhidiothan Guthan nan Eilean a chur air Clilstore airson luchd-labhairt Diaimeugach.
Ann an obair eile chaidh sreath ùr, air a bheil “Taak Tu Mi”, a thòiseachadh air an t-sianal YouTube Braadkyaas Jamiekan, a tha a' sgaoileadh podcasts sa chànan.
Anns an eadar-ama, a’ leantainn air fosgladh a-mach às a’ ghlasadh-sluaigh san Earrach 2021 anns na h-Innseachan, chaidh luchd-rannsachaidh a bharrachd fhastadh ann an diofar sgìrean dhen dùthaich, a chruinnich clàraidhean ùra gus an cur ann an cruth eileagtronaigeach agus an sgaoileadh air-loidhne. Tha an sgioba aig AUH air làrach shònraichte a stèidheachadh airson obair Mediating Multilingualism anns na h-Innseachan.
Chaidh aonad-sampaill Clilstore ann an Hadoti a chur air dòigh cuideachd, a’ cleachdadh Custom Wordlists a-rithist, airson èifeachdas a mheasadh air mar a thèid a chleachdadh le cànanan Innseanach aig nach eil taic air-loidhne. Agus chaidh grunn bhidiothan Guthan nan Eilean a chur air Clilstore san aon stoidhle.
Bangla | Hindi | Tamil |
Sna seachdainean mu dheireadh dhen phròiseact thàinig na com-pàirtichean sna h-oilthighean ann an Alba, Diaimeuga, agus sna h-Innseachan còmhla airson cuspairean san robh ùidh aca uile a dheasbad cuide ri luchd-labhairt às an Rìoghachd Aonaichte aig a bheil cànanan coimhearsnachd. Chleachd iad pìosan a-mach à Saoghal Thormoid airson nan deasbadan a phiobrachadh. Chaidh na còmhraidhean seo a chlàradh, agus tha iad a-nis ri fhaighinn air duilleig fa leth – Talking Points le Saoghal Thormoid.
Tha Mediating Multilingualism a' faighinn taic bhon Global Challenges Research Fund.
Tha am bhidio seo ag aithris air an Fhèis Eadar-nàiseanta airson Cànain Tùsanach ann an Cunnart, a chaidh a chumail aig North-Eastern Hill University (NEHU), Shillong, ann an 2019 - Bliadhna Eadar-nàiseanta nan Cànan Tùsanach. ‘S e film ioma-chànanach a th’ ann, air a thaisbeanadh sa Ghàidhlig agus le fo-thiotalan sa Bheurla. Mairidh am film fhèin nas lugha na 12 mionaidean, le ro-ràdh goirid (2.5 mionaidean). Tha e air a leantail le deasbad (6 mionaidean) agus crìoch-sgeòil fìor ghoirid as dèidh sin.