Institiud Rannsachaidh Cànain
Tha e fa-near don Institiuid Rannsachaidh Cànain (Language Sciences Institute – LSI) ùr-ghnàthachas agus eòlas an lùib rannsachaidh is ionnsachaidh a cheangal agus feum a dhèanamh de chumhachd choitcheann agus neartan ioma-chuspaireil lìonra acadaimigeach OGE (UHI) airson na dòighean làthaireach an lùib ath-bheothachadh mhion-chànanan a dhèanamh às ùr. Togaidh an Institiud air obair a’ phròiseict Soillse agus thèid barrachd cuideim a chur air na coimhearsnachdan far a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn gu traidiseanta.
’S iad feartan air leth na h-Institiuid:
- Institiud rannsachaidh is ionnsachaidh, fillte ann an coimhearsnachd mion-chànain, stèidhichte air tuigse air ceanglaichean beò eadar coimhearsnachdan Gàidhlig.
- Dòigh-obrach fhosgailte is cho-obrachail air rannsachadh mion-chànain a tha a’ com-pàirteachadh le coimhearsnachdan an lùib pròiseas meòrachaidh is ionnsachaidh.
- Co-dhealbhadh mhodhan-eòlais rannsachaidh ùra agus phròiseasan aiseig-eòlais ùr-ghnàthach a chuireas ri leasachadh comasan an oilthigh is e a’ freagairt ri dùbhlanan sòiseo-chananach.
- Freagairt ri dùbhlanan sòiseo-chànanach bho thaobh nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
- Cleachdadh dòigh-obrach làn-shiostam an lùib obair is rannsachadh cànain, stèidhichte air freagairt nan dùbhlanan an cois seasmhachd shòisealta is eaconamach nan coimhearsnachdan mhion-chànanan.
- Dòigh saidheans cànanach an lùib an rannsachaidh, a’ ceangal shuidheachaidhean ionadail mhion-chànanan ri seallaidhean eadar-nàiseanta air pròiseasan ath-bheothachadh chànanan agus a’ choimhearsnachd an sàs ann an dealbhadh gnìomh, poileasaidh agus rannsachadh ùr.
Thathar a’ meas gun leig dìleab rannsachaidh a’ phròiseict Soillse leis an Institiuid taic a chur an sàs airson cothroman seasmhachd do chànan is cultar nan Gàidheal ann an Alba a thoirt gu buil. Feumar poileasaidhean is ro-innleachdan san àm ri teachd, a th’ air an cur an cèill tro Phlanaichean Cànain Nàiseanta agus tro Phlanaichean Cànain, buidhnean poblach a stèidheachadh anns an fhìrinn mu staid na Gàidhlig. Tha an Institiud a’ meas gu bheil seo fìor chudromach ann an àiteachan far a bheil a’ Ghàidhlig beò gu ìre air choireigin mar chànan coimhearsnachd.
Plana aiseig-eòlais
Chaidh an Institiud a leasachadh airson rannsachadh na Gàidhlig a neartachadh cho math ri obair ionnsachaidh is leasachaidh an oilthigh ann an com-pàirteachas le Colaiste Nàiseanta na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig OGE, buidhnean poblach agus coimhearsnachd na Gàidhlig. Bidh luchd-obrach na h-Institiuid ag obair thar chuspairean oilthigh airson freagairt ris na trioblaidean sòisealta is eadar-nàiseanta an lùib gleidheadh mhion-chànanan is mhion-chultaran ann an dòigh cho-cheangailte.
Leasachadh poileasaidh is chom-pàirteachasan
Bidh an Institiud na meadhan air deasbad fiosrach air na factaran a bhuineas do chruthachadh seasmhachd don Ghàidhlig mar dhearbh-aithne choitcheann is shòisealta. A thuilleadh air sin, tro stèidheachadh na h-Institiuid, bithear ag adhbharachadh com-pàirteachaidh ann an dòigh bhrìoghmhor agus bhrosnachail le coimhearsnachd thraidiseanta a’ chànain agus le coimhearsnachdan ùra na Gàidhlig a tha a’ nochdadh ann am bailtean mòra na h-Alba. Tha dleastanas cudromach aig an Institiuid Rannsachaidh Cànain a bhith a’ cur ri rannsachadh agus poileasaidh nàiseanta anns an roinn seo de dhealbhadh cànain ann an Alba.