Plana Gàidhlig | 2023-2026 | Gàidhlig a bhith ga cleachdadh nas bitheanta, le barrachd dhaoine agus ann am farsaingeachd nas motha de shuidheachaidhean
susbaint

Na prìomhachasan againn sa Ghàidhlig

  • A’ daingneachadh a’ bhun-dleastanais againn a bhith a’ taiceadh cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil is coimhearsnachdail, gu sònraichte ann an coimhearsnachdan Gàidhlig traidiseanta, ach gun a bhith cuingealaichte riutha sin,
  • Neartaichidh sinn cleachdadh na Gàidhlig tarsainn ar com-pàirteachais acadaimigich,
  • Tha e a rèir na follaiseachd mòire a th’ aig a’ Ghàidhlig gu poblach is gu poilitigeach ann an Albainn, agus an uallaich phoblaich shoilleir a th’ oirnn a bhith a’ toirt freagairt dhealasach air seo,
  • Tha e a’ toirt a-steach a’ chom-pàirteachais acadaimigich, aig an aon àm ri bhith ag aithneachadh an àite shònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig mar an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus,
  • Tha e a’ neartachadh eileamaidean de dh’fhoghlam adhartach is àrd-ìre agus gnìomhachdan rannsachaidh is iomlaid eòlais Ghàidhlig.
Raonaid Urchadan | studying on UHI Gaelic Media DipHE at Sabhal Mòr Ostaig
susbaint

Tha am plana cuideachd a rèir a’ phlana ro-innleachdail ùir againn. Tha e mar phàirt bhunaiteach den ghnìomh a chuir sinn romhainn a bhith ag iomain air aghaidh foghlam agus rannsachadh co-chruthaichte, agus ar cruth-tìre, ar dualchas agus ar cultaran gun samhail a’ cur mathas ri sin. Cuiridh seo an spionnadh a th’ againn gu feum agus suidhichidh e àrd-amasan ùra tarsainn chòig prìomh chuspairean ro-innleachdail: teagasg, ionnsachadh agus taic do dh'oileanaich; buaidh rannsachaidh agus ùr-ghnàthachaidh; iomairt agus fàs; seasmhachd àrainneachdail; agus sàr-mhathas obrachaidh. Seasaidh sinn cànan is cultar na Gàidhlig nar coimhearsnachdan tro churraicealam, rannsachadh agus fèin-fhiosrachaidhean nan oileanach agus aithnichidh sinn is taicidh sinn an iomadachd chànanach is cultarach a th’ ann air feadh nan sgìrean againn.

Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair eadar-amail UHI

susbaint

Faic clàr phrògraman Gàidhlig gu lèir

Mapaichean foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig

susbaint
Collage of 4 images | students in UHI Perth doing musical performance | a male student in class | Areal shot of UHI Inverness | Areal shot of UHI SMO

Na bun-gheallaidhean againn

 1. Teagasg, ionnsachadh, rannsachadh is iomlaid eòlais

  • A bhith a’ neartachadh àite is faicsinneachd na Gàidhlig agus am feum a nithear dhith ann am bun-ghnothach teagaisg, ionnsachaidh, rannsachaidh is iomlaid eòlais UHI, a’ gabhail a-steach dealas a bhith a’ dol an co-luadar gu for-ghnìomhach ris na coimhearsnachdan Gàidhlig traidiseanta.

2. Na dh’fhiosraicheas oileanaich

  • A bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi na dh’fhiosraicheas oileanaich a’ daingneachadh a’ phrionnsapail de dh’urram co-ionann don Ghàidhlig is don Bheurla

3. Conaltraidhean corporra

  • A bhith ag adhartachadh fèin-aithne dhà-chànanach UHI

4. Luchd-obrach

  • A bhith a’ brosnachadh is a’ taiceadh an luchd-obrach air fad, ge sam bith dè an dreuchd, agus ge sam bith càit a bheil iad air am fastadh an com-pàirteachas an oilthigh, a bhith a’ togail is a’ leasachadh sgilean Gàidhlig