Bun-sgoil (tro mheadhan na Gàidhlig) PGDE

Course code X103

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Bidh an cùrsa seo gur deasachadh airson dreuchd mar neach-teagaisg bun-sgoile le sgilean agus eòlas a bheir buaidh air beatha dhaoine òga a bhios sibh a’ teagasg.

Air cùrsa PGDE (bun-sgoile), cuiridh oileanaich seachad 18 seachdainean san oilthigh agus 19 seachdainean ann an suidheachadh proifeasanta ann an sgoiltean. Tha na greisean-sgoile ann an sgoiltean air an rèiteach gu nàiseanta agus thèid ur cur gu sgoiltean a tha reusanta faisg air ur seòladh dachaigh no ur seòladh teirm.

Feumaidh sibh a bhith fileanta ann an Gàidhlig mus tòisich sibh air a’ phrògram agus thèid na sgilean cànain agaibh a mheasadh aig agallamh. Bidh eileamaidean den chùrsa air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig agus  cuiridh sibh seachad a’ chuid as motha de na greisean-sgoile agaibh ann an sgoiltean a tha a’ tabhann Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FTMG).

Tha PGDE (Bun-sgoile - Slighe Ghàidhlig) air a tabhann ann an co-bhonn ri Comhairle Earra-ghàidheil is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Pheairt agus Chinn Rois, a tha ag obair ann an co-bhonn ris an oilthigh tro na colaistean ionadail a leanas:

  • A Tuath, An Iar is Innse Gall OGE
  • Earra-ghàidheil OGE
  • Inbhir Nis OGE
  • Pheairt OGE

Feumaidh seòladh dachaigh no seòladh teirm a bhith agaibh ann an sgìre an Ùghdarrais a thaghas sibh mar làrach. Gheibh ceumnaichean a’ chùrsa clàradh inntrigidh mar neach-teagaisg bun-sgoile le Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba  (GTCS).

Bidh sibh ag obair ann am buidhnean beaga ionadail fhad ’s a tha sibh ag obair ann an co-bhonn ri oileanaich teagaisg agus luchd-oideachaidh air feadh lìonra cholaistean an oilthigh. Tha am prògram air a lìbhrigeadh ann an co-bhonn ri PGDE Bun-sgoile (tro mheadhan na Beurla) agus ri PGDE (àrd-sgoile) airson sealladh nas fharsainge de theagasg a thoirt dhuibh.

Tha cùrsa còmhnaidh inntrigidh air a chumail aig fìor thoiseach a’ chùrsa le fear eile sa Mhàrt a bhios ag amas gu h-àraid air ionnsachadh a-muigh.  Bidh gach buidheann ionadail cuideachd a’ cur air dòigh taisbeanadh sònraichte aig deireadh a’ chùrsa mar phàirt de leasachaidhean ceannais.

Feartan sònraichte

  • Cothrom a bhith a’ leantainn prògram foghlam bun-sgoile do thidsearan air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean
  • Bheir an cùrsa cothrom dhuibh a bhith nur proifeasantach breithneachail a bhios a’ toirt taic do dh’ionnsachadh aig an ìre a b’ àirde don chloinn a bhios sibh a’ teagasg
  • Bheir an cùrsa cothrom dhuibh suas ri 40 creideas fhaighinn aig ìre mhaighstireachd tro ghnìomhan/rannsachadh aig SCQF ìre 11

Feumalachdan inntrigidh

 

Leughaibh an duilleag FAQs airson barrachd fiosrachaidh mun phrògram.

 

  • Bu chòir ceum aig ìre fo-cheum a bhith agaibh. B’ fheàrr leinn ceum le urram aig 2:2 no na b’ àirde bhon a tha an teagasg air a’ phrògram aig ìre urram no ìre mhaighstireachd

  • Thèid sùil a thoirt air iarrtasan bho thagraichean aig nach eil ceum le urram ma thèid aca air dearbhadh gu bheil an comas aca a bhith ag obair aig an ìre acadaimigich seo. Feumaidh tagraichean lethbhreac den cheum aca a shealltainn mar dhearbhadh air comas a bhith ag obair aig ìre ceum le urram no ìre mhaighstireachd

A bharrachd air seo, feumaidh na leanas a bhith aig tagraichean:

Beurla:

  • Àrd-ìre (C no nas àirde), NO
  • Ìre A (D no nas àirde), NO
  • GCSE Cànan na Beurla (C/4 no nas àirde) agus Litreachas na Beurla (C/4 no nas àirde) no a leithid

Matamataig no Aplaiceadan Matamataig

  • Ìre Nàiseanta 5 (C no nas àirde), NO
  • SQA Eadar-mheadhan 2 (C no nas àirde) no An Ìre Choitcheann (Sàr Ìre) NO
  • GCSE Matamataig (C/4 no nas àirde) no a leithid

Tha sinn ag aithneachadh, leis mar a tha cùisean an-dràsta, gum bi e doirbh dhuibh obair no obair shaor-thoileach fhaighinn còmhla ri clann aig ìre bun-sgoile. Bu chòir dhan fhiosrachadh phearsanta agaibh agus ur teisteanas a bhith a’ mìneachadh gu soilleir mar a tha  sibh air ullachadh a dhèanamh agus carson a tha sibh air tagradh a dhèanamh airson teagasg bun-sgoile ann am foghlam Gàidhlig.

Mar as trice thèid tachartasan taghaidh a chumail cha mhòr aig deireadh a’ Ghearrain no tràth sa Mhàrt.

Nota:

  • Feumaidh tagraichean soirbheachail a bhith deònach a dhol tro phròiseas PVG Disclosure agus a bhith nam ball de Sgeama PVG airson an cùrsa seo a dhèanamh
  • Chan eil a chùrsa seo a gabhail ri tagraichean airson an ath bhliadhna; mar nach eil thu airson gabhail ris a chùrsa am bliadhna, bithidh agad ri ath-thagradh an ath bhliadhna. Brùthaibh air a cheangail airson fiosrachadh eile mu dàil-inntrigidh

Feumaidh tagraidhean airson PGDE ann an Teagasg Bun-sgoile a dhol a-steach tro UCAS san aon dòigh ri prògraman fo-cheuma. Cha bu chòir dhaibh a bhith air an dèanamh tro Trèanadh Luchd-teagaisg UCAS. Tha seo fìor do gach oilthigh/colaiste ann an Alba a tha a’ tabhann PGDE. Feumaidh sibh fiosrachadh a thoirt seachad mun cheum agus mu theisteanasan ann am Beurla agus Matamataig an cois an tagraidh. Mura dèan sibh seo, cha tèid againn air sùil a thoirt air an tagradh. Feumaidh teisteanasan a bhith a-staigh ro cheann-latha thagraidhean. Tha e mar dhleastanas aig an tagraiche a bhith cinnteach gu bheil luchd-teisteanais mothachail air a’ cheann-latha seo agus gu bheil an tagradh agus an teisteanas againn ron cheann-latha a chaidh a chur romhaibh.

PGDE

Modalan Teagaisg PGDE

Practas Co-oibreachail (20 creideas)

Bheir am modal seo cothrom do dh’oileanaich a bhith ag amas air a bhith nam proifeasantaich mheòrachail, shoirbheachail, fheòrachail a tha comasach a dhol an sàs ann an toinntean foghlaim agus a bhios deiseil airson cur ri leasachaidhean foghlaim san àm ri teachd. Bheir e cothrom dhaibh tuigse fhaighinn air a’ churraicealam agus na leasachaidhean a thig air agus air cho freagarrach ’s a tha e airson saoghal an latha an-diugh agus airson atharrachaidhean sam bith a thig na chois. Thèid sgrùdadh a dhèanamh sa mhodal air mar a tha an Curraicealam airson Sàr-mhathais ag amas air ath-dhealbhadh ann am foghlam tro churraicealam a tha nas beartaiche, nas coileanta agus nas sùbailte. Bidh oileanaich air an deasachadh le sgilean planaidh, teagaisg agus measaidh stèidhichte air a’ churraicealam le fòcas air cuspairean co-cheangailte ri ionnsachadh agus co-oibreachadh taobh a-staigh a’ chlas aca fhèin agus an co-bhonn ri luchd-obrach eile mar phàirt den sgoil air fad.

Feòrachadh agus Practas (20 creideas)

Tha am modal seo ag amas air a bhith a’ cur ionnsachadh chloinne agus dhaoine òga agus mar a dh’ionnsaicheas iad san t-seòmar-teagaisg aig cridhe rannsachadh proifeasanta nan oileanach agus mar a tha seo bunaiteach do phlanadh, teagasg agus measadh. Tha am modal air a dhlùth-cheangal ri na greisean-sgoile ann an sgoil a tha a’ tabhann FtMG airson barrachd tuigse fhaighinn air foghlam mar rud leantainneach.

Practas Meòrachail (20 creideas)

Bheir am modal seo cothrom ullachaidh do dh’oileanaich a bhith
a’ meòrachadh agus a’ breithneachadh air an obair aca fhèin mar phàirt de leasachadh agus de dh’fhèin-mheasadh pearsanta agus proifeasanta leantainneach. Tha e ag amas air cothroman do dh’oileanaich teagaisg a bhith a’ meòrachadh gu proifeasanta agus a bhith deiseil airson beachdachadh ann an doimhneachd air càileachd ann an ionnsachadh chloinne agus dhaoine òga agus mar a bhios buaidh air na dòighean-obrach aca fhèin air ionnsachadh. Bheir am modal cuideachd cothrom do dh’oileanaich luach a thoirt air mar a tha tuigse agus leasachadh cànain air am filleadh a-steach gu teagasg agus mar a tha buaidh aca air a chèile.

Practas proifeasanta (Bun-sgoile) (60 creideas)

Sa mhodal seo, nì oileanaich leasachadh air na modhan-teagaisg agus air
a’ phroifeasantachd aca fhèin mar luchd-teagaisg ann an ceithir greisean sgoile ann an trì sgoiltean fa-leth. Tha iad seo air an tabhann gu nàiseanta tro shiostam greis-sgoile nan oileanach (Student Placement System) airson cothrom a thoirt do dh’oileanaich a dhol an sàs ann an diofar ìrean den Churraicealam airson Sàr-mhathais:

  • 4 seachdainean ann an clas Prìomh 2, 3 no 4
  • 4 seachdainean ann an clas  Prìomh 1
  • 5 seachdainean ann an clas Prìomh 5, 6 no 7
  • 6 seachdainean ann an clas eile

Mean air mhean, bidh barrachd meud agus farsaingeachd ann an  dleastanasan ionnsachaidh, teagaisg agus measaidh nan oileanach anns na clasaichean aca gus an ruig iad ìre far am bi iad a’ stiùireadh ghnothaichean san t-seòmar-teagaisg airson 10 làithean anns na 6 seachdainean mu dheireadh aca ann an sgoiltean.

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • Làn-ùine
  • Airson eileamaidean teagaisg a’ chùrsa, bidh sibh ag obair tro mheasgachadh de chlasaichean aghaidh ri aghaidh agus air-loidhne  tro àrainneachd ionnsachaidh bhidio an oilthigh (VLE)
  • Far an gabh seo a dhèanamh idir, bidh na greisean proifeasanta uile stèidhichte ann an sgoiltean a bhios a’ tabhann foghlam Gàidhlig

Cosgaisean a bharrachd:

  • Siubhal gu cùrsaichean-inntrigidh. Gheibhear biadh agus àite-fuirich an-asgaidh
  • Siubhal gu greisean-sgoile - thèid seo a rèiteach tro shiostam nàiseanta GTCS. Cha bu chòir dhan sgoil a bhith na b’ fhaide na uair a thìde gu leth air falbh bhon t-seòladh a bheir sibh dhuinn.

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?


  • Làn-ùine: 1 bhliadhna

Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?

  • Earra-Ghàidheil
  • Inbhir Nis
  • A Tuath, an Iar is Innse Gall - Steòrnabhagh, An Gearasdan
  • Pheairt
  • Sabhal Mòr Ostaig

Ceann-latha tòiseachaidh

  • An Lùnastal

Cìsean

For students normally domiciled in Scotland, with a term-time address in Scotland, the following fees apply:

This includes:

  • EU nationals with settled or pre-settled status in the UK,
  • EEA/Swiss nationals with settled status in the UK
  • EEA/Swiss nationals with pre-settled status who are self-employed or migrant workers in the UK.
  2023-24 2024-25
PGDE £1,820 £1,820

Rest of UK students

For students normally domiciled in the rest of the UK (England, Wales and N. Ireland, including Channel Islands and the Isle of Man) and with a term-time address in Scotland, the following fees apply:

  2023-24 2024-25
PGDE £9,250 £9,250

There are a number of funding options available to UK students to help you pay for your studies and your cost of living while studying. Students who are resident and studying in Scotland can apply for their fees to be paid by the Student Awards Agency for Scotland (SAAS). SAAS will determine eligibility.

EU/EEA and Swiss nationals without settled or pre-settled status in the UK.

Following the UK’s departure from the European Union, the Scottish Government confirmed that EU/EEA and Swiss nationals, who do not have settled or pre-settled status, will be considered as international for fee purposes. Students on this course will get an automatic fee scholarship of £3,000.

This includes EEA/Swiss nationals with pre-settled status who are not self-employed or migrant workers in the UK.

  2023-24 With scholarship 2024-25 With scholarship
PGDE £13,980 £10,980 £14,988 £11,988

Students will need Student Route visa sponsorship to study on the UK.

International students

For students who do not normally reside in the UK or European Union and with a term-time address in Scotland, the following fees apply:

  2023-24 2024-25
PGDE £13,980 £14,988

Maoineachadh

Dh’fhaodadh sgoilearachdan no taic-airgid eile a bhith ri fhaighinn. Cuiribh fios gu colaistean compàirteachais an oilthigh airson barrachd fiosrachaidh.

Cosgaisean a bharrachd

Cosgaisean a bharrachd:

  • Sgrùdadh PVG
  • Siubhal gu cùrsaichean còmhnaidh - gheibhear biadh agus àite-fuirich ann
  • Siubhal gu greisean-sgoile - tha iad sin air an rèiteach le siostam nàiseanta GTCS ri bhith taobh a-staigh 90 mionaid air falbh bhon t-seòladh theirm agad

 

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

Bidh clàradh fo-chùmhnant mar thidsear bun-sgoile le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS) aig luchd-ceumnachaidh. Bheir seo teisteanas do dh’oileanaich à Alba, às a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte agus à dùthchannan a tha nam ball de dh’Aonadh na h-Eòrpa tagradh a chur a-steach airson sgeama bliadhna tòiseachaidh ann an Alba (TIS). Bheir an sgeama seo an uair sin cothrom do thidsearan ùra lan-chlàradh fhaighinn. Chan eil cead aig oileanaich à dùthchannan taobh a-muigh an Aonaidh a bhith nam ball de sgeama TIS ach thèid aca Slighe Shùbailte a leantainn gus làn-chlàradh fhaighinn, ma tha cead aca fuireach san dùthaich gus seo a dhèanamh. Faic Teacher Induction Scheme FAQs.

An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?

Tha cothrom aig luchd-ceumnachaidh a dhol air adhart gu MEd Critical Enquiry no gu prògram Maighstireachd ann an oilthigh eile san Rìoghachd Aonaichte.

Is there more information available online?

QR

You can use the above QR code to connect directly to the course details.

Cuir a-steach airson Bun-sgoil (tro mheadhan na Gàidhlig) PGDE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2024

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.