An Cùrsa Adhartais CertHE
Course code Q501
Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?
Tha Teisteanas a’ Chùrsa Adhartais a’ tabhann cothrom dhut gu do mhisneachd a leasachadh anns gach taobh de na sgilean conaltraidh ann an Gàidhlig. Bheir e dhut bunait làidir airson tuilleadh ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig agus neartaichidh e do chothroman ann am faotainn cosnadh ann an roinn na Gàidhlig.
Tha an cùrsa air a lìbhrigeadh tro ionnsachadh air astar air-loidhne agus tha e co-ionann ris a’ chiad bhliadhna den chùrsa ceum Gàidhlig is Sgrùdaidhean Co-cheangailte. Tha an cùrsa seo a’ còmhdachadh nam puingean gràmair a th’ anns a’ Chùrsa Chomais agus a’ cleachdadh na h-aon dòighean teagaisg agus ionnsachaidh ris A’ Chùrsa Inntrigidh.
Feartan sònraichte
- Tha an cùrsa seo a’ gabhail a-steach dòighean-ionnsachaidh cànain ùr-ghnàthach
- Cuideachaidh e thu gu bhith a' deasachadh airson cothroman-obrach ann an roinn na Gàidhlig
- Bidh cothrom agad Sgoil Deireadh-Seachdain roghainneil fhrithealadh, a choinneachadh agus a bhruidhinn ri oileanaich eile
- Ionnsachaidh tu pàirt-ùine agus air-loidhne, a’ ciallachadh gun urrainn dhut do chuid ionnsachaidh a ghabhail os làimh san ùine agad fhèin
Feumalachdan inntrigidh
- 2 theisteanas Àrd-ìre aig ìre C no nas àirde NO
- 1 A level aig ìre C no nas àirde
- Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig aig Àrd-ìre nam measg
Thoir aire:
- Chan eil e comasach do thagraichean soirbheachail àite air cùrsa a chur dheth gus an ath bhliadhna, mar eisimpleir, bliadhna a ghabhail dheth mus tòisich iad air a chùrsa
- On a tha an cùrsa seo pàirt-ùine air-loidhne, chan eil e fosgailte do dh’oileanaich eadar-nàiseanta a tha airson a thighinn a dh’ionnsachadh don Rìoghachd Aonaichte, aig a bheil feum air bhìosa Ìre 4
Slighean inntrigidh
- An Cùrsa Inntrigidh
Year 1 - CertHE
- Modalan cànain 1 – 6
- Modal cuspaireil 7
Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?
- Pàirt-ùine (le structar)
- Pàirt-ùine (gun structar)
- Nì thu an cùrsa seo air-loidhne tro àrainneachd ionnsachaidh mas-fhìor an oilthigh (VLE) le taic bho luchd-oide aig Sabhal Mòr Ostaig UHI
- Bidh òraidean agus clasaichean tro cho-labhairt chlaistinn agad cuideachd
Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?
- Pàirt-ùine: 1 bliadhna
Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?
- Sabhal Mòr Ostaig
Ceann-latha tòiseachaidh
- An Lùnastal
Cìsean
Cìsean
Airson oileanaich a tha mar as trice a’ fuireach ann an Alba, le seòladh teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:
Tha seo a’ gabhail a-steach
- Nàiseantaich an AE le inbhe shuidhichte no ro-shuidhichte san RA,
- Nàiseantaich EEA/Eilbheiseach le inbhe shuidhichte san RA
- Nàiseantaich an EEA/Eilbheis le inbhe ro-shuidhichte a tha ag obair air an ceann fhèin no nan luchd-obrach imrich san RA.
CertHE | 2023-24 | 2024-25 |
---|---|---|
Pàirt-ùine (structaraichte) (modalan 4 x 15 creideas) gach bliadhna | £645 | £645 |
Pàirt-ùine (neo-structaraichte gach modal) (gach modal creideas 15) | £161 | £161 |
Oileanach eile na RA
Airson oileanaich a tha mar as trice a’ fuireach anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, a’ gabhail a-steach Eileanan a’ Chaolais agus Eilean Mhanainn) agus aig a bheil seòladh rè teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:
CertHE | 2023-24 | 2024-25 |
---|---|---|
Pàirt-ùine (structaraichte) (modalan 4 x 15 creideas) gach bliadhna | £3,555 | £3,555 |
Pàirt-ùine (neo-structaraichte gach modal) (gach modal creideas 15) | £889 | £889 |
Tha cìsean rim pàigheadh ro làimh gach bliadhna acadaimigeach mura h-aontaichear a chaochladh.
Tha grunn froghainnean maoineachaidh rim faighinn le oileanaich na RA gus do chuideachadh le bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus do chosgais bith-beò fhad ‘s a tha thu ag ionnsachadh.
Oileanaich eadar-nàiseanta
Chan eil an cùrsa seo ri fhaighinn airson oileanaich eadar-nàiseanta, a’ gabhail a-steach nàiseanaich an EU/EEA agus às an Eilbheis gun inbhe shuidhichte san RA, a dh’ fheumas urrasachd bhìosa Slighe Oileanach sgrùdadh a dhèanamh an seo. Airson oileanaich a tha a’ fuireach san RA agus air am measadh mar inbhe chìsean eadar-nàiseanta, bidh na cìsean a leanas an sàs:
Tha seo a’ toirt a-steach nàiseantaich EEA/Eilbheis le inbhe ro-shuidhichte nach eil ag obair air an ceann fhèin no nan luchd-obrach imrich san RA.
CertHE | 2023-24 | 2024-25 |
---|---|---|
Pàirt-ùine (structaraichte) (modalan 4 x 15 creideas) gach bliadhna | £3,990 | £4,388 |
Pàirt-ùine (neo-structaraichte gach modal) (gach modal creideas 15) | £998 | £1,097 |
Maoineachadh
UHI has a number of scholarships, bursaries, awards, and discretionary fund opportunities available to new and current students. Please use the A-Z of funds or use the filter to see which ones may be relevant to you. All students are welcome to apply.
Further information on funding your studies is also available, please see the attached link or contact the relevant UHI partner.
Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?
Aon uair ’s gun coilion thu An Cùrsa Adhartais gu soirbheachail, faodaidh gum bi ùidh agad anns na dreuchdan a leanas:
- Leasachadh Gàidhlig
- Obair rianachd Gàidhlig
- Ceum ann an Gàidhlig
An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?
Tha an CertHE An Cùrsa Adhartais a’ leigeil leat dol air adhart ris na cùrsaichean a leanas:
- DipHE Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte
Is there more information available online?
You can use the above QR code to connect directly to the course details.
Cuir a-steach airson An Cùrsa Adhartais CertHE
Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.