Cànan agus cultar na Gàidhlig
Gabhaibh pàirt ann a bhith a’ dìon cànan agus cultar na Gàidhlig airson an ama a tha romhainn agus nan ginealaichean a tha ri teachd sa chomann-shòisealta againn air a’ chùrsa againn ann an Gàidhlig le Leasachadh. Gheibh sibh greisean-gnìomhachais, tursan-raoin, agus cothroman a bhith ag ionnsachadh aig oilthigh thall thairis. Ionnsaichidh sibh a’ Ghàidhlig agus cuspairean co-cheangailte rithe ann an coimhearsnachdan Gàidhlig beothail Leòdhais neo an Eilein Sgitheanaich, is cuiridh sibh eòlas air comann-sòisealta na Gàidhlig agus na freumhaichean aige, cho math ri bhith a’ dol nas doimhne san eachdraidh aige.
Tòisichibh air an t-slighe agaibh a bhith a’ teagasg na Gàidhlig aig ìre bun-sgoile no àrd-sgoile tro chùrsa bogaidh Gàidhlig is Foghlaim. Gheibh sibh 30 seachdainean de ghnàth-eòlas ann an sgoil agus ceumnaichidh sibh ann an ceithir bliadhna, rud a leigeas leibh dol dìreach a-steach do theagasg.
Cuiribh an gaol a th’ agaibh air a’ Ghàidhlig còmhla ri ur miann a bhith ag obair ann an telebhisean, rèidio no naidheachdas. Bidh an cùrsa air na Meadhanan Gàidhlig air a lìbhrigeadh ann an co-bhoinn ri buidhnean craolaidh agus meadhanan ann an Alba, leithid a’ BhBC agus MG Alba. Gheibh sibh sàr-chlasaichean bho speisealaichean aithnichte anns a’ ghnìomhachas, cuiridh sibh ris na sgilean cànain agaibh, agus thig sibh às leis na sgilean agus na ceanglaichean a dh’fheumar gus cùrsa-obrach soirbheachail a leantainn anns na meadhanan.
Theirigibh far am bi sibh air ur cuairteachadh le àrainneachd bheothail de Ghàidhlig is ceòl traidiseanta mar sheinneadair no neach-ciùil traidiseanta. Gheibh sibh buannachd bho eileamaidean practaigeach làidir agus ionnsaichidh sibh bho shàr cheòladairean, le cothroman minig a bhith a’ cluich is a’ clàradh, agus cothrom a bhith ag ionnsachadh thall thairis anns a’ cheathramh bliadhna agaibh.


Cùrsaichean fo-cheum
- An Cùrsa Adhartais
- An Cùrsa Comais
- Ghàidhlig
- Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta
- Gàidhlig agus Conaltradh
- Gàidhlig agus Eòlas Co-cheangailte
- Gàidhlig agus Foghlam
- Na Meadhanan Gàidhlig
- Gàidhlig le Leasachadh
Cùrsaichean for-cheum
Slighean gu ionnsachadh
Mura bheil na teisteanasan riatanach agaibh an toiseach a bhith ag ionnsachadh airson ceum, bidh slighe eile ann dhuibh an-còmhnaidh, leithid HNC no cùrsa inntrigidh.
Anna, oileanach Gàidhlig is Foghlaim
Chuir mi tagradh a-steach do bheagan oilthighean eile, ach b’ e seo a’ chiad roghainn agam leis gum b’ urrainn dhomh ionnsachadh gu h-ionadail anns an àite às a bheil mi. Tha e air a bhith mìorbhaileach a bhith a’ fàs nas misneachdaile, agus a bhith a’ leasachadh nan sgilean agus an eòlais a th’ agam ann an teagasg agus Gàidhlig tron chùrsa air fad.
Bidh sinn a’ faotainn taic fìor mhath, ’s e cùrsa beag a th’ ann agus mar sin gheibh sinn tòrr taic aon-ri-aon. Ma bhios ceist sam bith againn, gheibh sinn freagairt sa bhad, cha bhiodh dragh oirbh a dhol a dh’ionnsaigh nan òraidichean le rud sam bith. Is e àite fìor mhath a th’ ann airson ionnsachadh, gheibh sibh an t-uabhas de chothroman pàirt a ghabhail ann am beatha nan oileanach, agus cuiridh sibh eòlas cho math air na daoine a tha mun cuairt oirbh. ’S e coimhearsnachd air leth a th’ innte, agus tha an àrainn cho brèagha, agus tha uimhir de rudan ri an dèanamh san Eilean Sgitheanach. Tha mi gu cinnteach a’ moladh ionnsachadh an seo!
Tha Anna a’ dèanamh BA (le Urram) ann an Gàidhlig agus Foghlam aig Sabhal Mòr Ostaig, fear de chom-pàirtichean UHI.


Dreuchdan
Bidh ceumnaichean a’ leantainn orra do chaochladh dhreuchdan:
- Leasachadh na Gàidhlig
- Teagasg agus foghlam bun-sgoile, àrd-sgoile, agus oilthigh
- Meadhanan Gàidhlig
- Ceòl traidiseanta
- Leasachadh cànain is coimhearsnachd
- Cultar, ealain agus dualchas na Gàidhlig
- Turasachd
- Rannsachadh
Tha 70% de ghnothachasan den bheachd gu bheil a’ Ghàidhlig na buannachd don gnothachas aca.