Gàidhlig agus Foghlam BA (le Urram)
Course code XQ10
Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?
Is e prògram foghlam thidsearan tro mheadhan na Gàidhlig a tha anns a' chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam.
Tha am prògram a’ tabhann teisteanas ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil no ann an Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil. Bidh 30 seachdainean de ghreisean-sgoile mar phàirt den teisteanas seo: 3 seachdainean air Bliadhna 1, 6 seachdainean air Bliadhna 2, 9 seachdainean air Bliadhna 3, agus 12 seachdain air Bliadhna 4.
Tha am prògram seo a’ tabhann slighe dhìreach a-steach gu teagasg Gàidhlig aig ìre bun-sgoile no ìre àrd-sgoile.
Feartan sònraichte
- Tha a’ mhòr-chuid dhen chùrsa air a lìbhrigeadh agus air a mheasadh tro mheadhan na Gàidhlig
- Gheibh thu an cothrom Ceum le Urram agus teisteanas teagaisg fhaighinn taobh a-staigh ceithir bliadhna
- Tha am prògram fosgailte do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh
- Bidh thu fileanta sa Ghàidhlig aig deireadh Bliadhna 1, le tuilleadh chothroman daingneachadh cànain a dhèanamh tron phrògram air fad
- A bharrachd air eòlas teagaisg, bheir an cùrsa sgilean sònraichte dhut ann am foghlam bogaidh agus foghlam dà-chànanach
- Bheir am prògram cothrom dhut a bhith nad neach-dreuchd meòrachail, a bheir taic ri sàr-ionnsachadh sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
Feumalachdan inntrigidh
- 3 teisteanasan aig Àrd Ìre aig BBC no nas àirde. Bhiodh e feumail nam biodh Gàidhlig (fileantaich) no Gaelic (luchd-ionnsachaidh) Àrd Ìre aig B, no nas àirde, nam measg NO
- 2 A Level aig ìre BC no nas àirde
- Thèid sùil a thoirt air tagraichean le teisteanasan eile mar a nochdas iad
- Mus tòisich an cùrsa, feumaidh tu a bhith soirbheachail ann an agallamh a rèir modh-obrach innntrigidh gu prògram Foghlam Thidsearan ann an Alba. Thèid comas ann an Gàidhlig a mheasadh aig an aon àm airson an cùrsa a bu fhreagarraiche a thaghadh dhut air a’ chiad bhliadhna mar neach-fileanta no neach-ionnsachaidh
- Is e cùrsa PVG aig Ìre 1 a tha seo: feumaidh oileanaich ballrachd sgeama PVG fhaighinn airson greisean-sgoile, a tha mar phàirt riatanach den chùrsa, a choileanadh. Airson barrachd fiosrachaidh, faic duilleag sgeama PVG OGE
- Nam biodh an tagradh agad soirbheachail am bliadhna, dh’fhaodadh tu àite a ghlèidheadh air a’ chùrsa ged a bhiodh tu am beachd bliadhna a chur seachad a’ dèanamh rudeigin eile mus tòisich thu. Mar eisimpleir, siubhal no ag obair mar neach-taic ann an sgoil
- Tha stiùireadh sònraichte aig GTC Scotland mu bhith a’ teagasg cuspair aig ìre na h-àrd-sgoile ann an Alba. Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo: Memorandum on Entry Requirements to Programmes of Initial Teacher Education in Scotland (GTCS 2024)
- Tha na teisteanasan gu h-ìosal riatanach airson teagasg bun-sgoile agus àrd-sgoile ann an Alba. Thathar a’ moladh gum bi iad seo agad mus tòisich thu air a’ chùrsa no aig a’ char as fhaide, ro dheireadh bliadhna 2 den phrògram:
- Àrd Ìre Beurla aig C no nas fheàrr (no teisteanas co-ionnan)
- Matamataig aig Ìre Nàiseanta 5 no Sàr-ìre, An Ìre Choitcheann, Eadar-mheadhan 2 no GCSE aig C no nas fheàrr
Slighean inntrigidh
- Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE a’ tabhann An Cùrsa Inntrigidh do luchd-tagraidh aig nach eil eòlas no teisteanas ann an Gàidhlig mar-thà, a bheir cothrom dhaibh na sgilean cànain aca a leasachadh mus tòisich iad air ceum Gàidhlig
Year 1 - CertHE
Is e bliadhna cànain a tha anns a’ Chiad Bhliadhna agus, a rèir do chomasan sa chànan, nì thu fear de na cùrsaichean a leanas:
Mar phàirt den CertHE agad, nì thu modal ann am practas proifeasanta (Ag Amas air Teagasg 1) - sreath de sheiminearan air practas proifeasanta agus trì seachdainean de ghreis-sgoile ann an sgoil a tha a’ tabhann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Year 2 - DipHE
Modalan riatanach:
- Gàidhlig 2
- Cànan, cultar is cinnidheachd
Bidh cothrom agad taghadh a dhèanamh de mhodailean eile ann an Gàidhlig/cuspairean co-cheangailte, nam measg, litreachas, beul-aithris agus eachdraidh shòisealta nan Gàidheal.
Mar oileanach ann am Foghlam Thidsearan, nì thu dà mhodail ann am foghlam ann am Bliadhna 2:
- Foghlam Gàidhlig ann an Alba
- modal ann am Practas Proifeasanta (Ag amas air Teagasg 2) - sreath de sheiminearan air practas proifeasanta agus sia seachdainean de ghreis-sgoile ann an sgoil a tha a’ tabhann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Year 3 - BA
Modalan:
- Clann agus an lonnsachadh
- Greisean sgoile 1 (9 seachdainean)
- Gàidhlig 3
- Sgilean rannsachaidh
agus modailean roghainneil ann an Gàidhlig agus cuspairean co-cheangailte.
Year 4 - BA (Hons)
Modalan:
- An neach-dreuchdail breithneachail is feòrachail
- Greisean sgoile 2 (12 seachdain)
- Tràchdas ceuma
Nì thu cuideachd taghadh de mhodal bho sgeama Gàidhlig is cuspairean co-cheangailte.
Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?
- Làn-ùine
- Thèid a’ chiad bhliadhna den phrògram (An Cùrsa Comais no Gàidhlig agus Conaltradh CertHE) a thabhann làn-ùine tro chlasaichean aghaidh ri aghaidh agus greis-sgoile trì seachdainean
- Thèid an dara bliadhna a thabhann air làrach na colaiste le 6 seachdainean de ghreisean-sgoile
- Thèid an treas agus an ceathramh bliadhna a thabhann làn-ùine air làrach na colaiste no tro chlasaichean air loidhne, àrainneachd ionnsachaidh bhiortail (VLE) agus greisean-sgoile
- Bidh naoi seachdainean de ghreisean-sgoile air an treas bliadhna agus 12 seachdain de ghreisean-sgoile air a’ cheathramh bliadhna
- Feumaidh seòladh/còd-puist a bhith aig oileanaich air astar a bheir cothrom dhaibh sgoil a tha a’ tabhann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a fhrithealadh aig àm nan greisean-sgoile
Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?
- Làn-ùine: 4 bliadhna
- Anns a’ chiad bhliadhna, thèid a’ ghreis-sgoile a chumail taobh a-staigh clàr-ama Sem 2
- Anns na bliadhnaichean 2 gu 4, thèid a’ chuid as motha de na greisean-sgoile a chumail taobh a-muigh clàr-ama nan semeastaran
Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?
- A Tuath, an Iar is Innse Gall - Steòrnabhagh
- Sabhal Mòr Ostaig
Ceann-latha tòiseachaidh
- An t-Sultain
Cìsean
Airson fiosrachadh mu chosgaisean a’ chùrsa seo, cuir fios chun a colaiste far a bheil thu airson a bhith ag ionnsachadh.
Maoineachadh
Tha cothrom air maoineachadh is taic-airgid a bharrachd airson a' chùrsa seo. Cuir fios dhan cholaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.
Faodaidh oileanaich air prògraman teagaisg Gàidhlig (fo-cheum no for-cheum) tagradh a dhèanamh ri Bòrd na Gàidhlig airson taic-airgid fhaighinn.
Cosgaisean a bharrachd
Thèid cosgaisean siubhail air greisean-sgoile a phàigheadh do dh’oileanaich far a bheil seo iomchaidh agus a rèir Poileasaidh Siubhail Foghlam Thidsearan OGE.
Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?
An dhèidh dhut an ceum BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam a choileanadh, thèid obair bliadhna a thabhann dhut mar thidsear ùr air sgeama GTCS ann am:
- Foghlam Bun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig no
- Foghlam Àrd-sgoile a’ teagasg na Gàidhlig mar chuspair (do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh)
Tha e an comas do dh’oileanaich eadar-nàiseanta làn chlàradh fhaighinn le GTCS air Slighe Shùbailte.
An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?
Nuair a thòisicheas tu air obair mar thidsear, thèid agad air MEd Foghlam Gàidhlig a dhèanamh mar phàirt dhen leasachadh phroifeiseanta leantainneach agad.
Is there more information available online?
You can use the above QR code to connect directly to the course details.
Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Foghlam BA (le Urram)
Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.