A’ dùraigeadh a bhith diofaraichte - Plana Ro-innleachdail 2021-2025
susbaint

Am modh-obrach againn

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) na chom-pàirteachas treas-ìre eadar-mheasgte agus sùbailte a tha a’ frithealadh ar coimhearsnachdan agus ceangailte ris na feumalachdan aca.

Tha sinn nar com-pàirteachas le fòcas roinneil de cholaistean neo-eisimeileach agus ionadan rannsachaidh a’ còmhdach na sgìre as motha de dh’ oilthigh no colaiste sam bith san RA. Tha a’ bhuidheann oileanach againn fear de na feadhainn as motha ann an Alba le cha mhòr 31,000 ag ionnsachadh còmhla rinn gach bliadhna, agus bidh sinn a’ cur £560 millean ris an sgìre gach bliadhna, a’ toirt taic neo-dhìreach do 6,200 obair. Mar bhuaidh iomadachaidh, bidh UHI a’ cur air ais £4 airson gach £1 a thèid a chosg air eaconamaidhean na Gàidhealtachd is nan Eilean, Moireibh agus Siorrachd Pheairt.

susbaint

Ar frèam-obrach

Tha am frèam-obrach ro-innleachdail is dealbhaidh againn a’ comharrachadh raointean de leasachaidhean timcheall air seata coitcheann de luachan co-roinnte. Bidh am frèam a’ toirt aire don staid làithreach agus ga choimeas ris an staid a tha air iarraidh. Tha e a’ ciallachadh gum bi com-pàirteachas an Oilthighe a’ dol tro atharrachadh eagrachail a rèir ro-innleachd agus lèirsinn aontaichte agus uile-choitcheann. Bidh e a’ glacadh ar rùn a bhith a’ faicinn oileanaich a’ fàs agus a’ soirbheachadh ge bith dè an ìre den turas ionnsachaidh aca.

A visual representation of the Strategic Plan - the Framework. The information set out here is also found in the full plan.