Fàilte gu clas 2023
Mar cheumnaiche ùr UHI, bu mhath leinn meal-an-naidheachd a chuir oirbh airson na choilean sibh agus fàilte a chur oirbh do choimhearsnachd chruinneil, fhàsmhor nan alumni againn anns a bheil còrr is 35,000 neach!

Fuirich ceangailte airson do chothrom air aon de thrì eàrlasan £100 a bhuannachadh airson stòr de do roghainn fhèin!
Is e Didòmhnaich 10 Dùbhlachd 2023 an ceann-latha dùnaidh. Aon innteart gach neach. Fosgailte do luchd-ceumnachaidh UHI 2022 a bhios ag ùrachadh am mion-fhiosrachaidh ron cheann-latha dùnaidh. Thèid fios a thoirt don bhuannaiche air post-d agus thèid ainmeachadh air na meadhanan sòisealta goirid às deidh sin. Bidh trì buannaichean ann, agus iad uile a’ faighinn eàrlas £100 airson an stòir as fheàrr leotha.

A’ cur fàilte air Ùisdean – ar mathan ceumnachaidh!
Tha e £10 agus £3 postachd, leis a’ phrothaid uile air a thoirt seachad do Mhaoin Sgoilearachd UHI – a’ toirt taic do na h-oileanaich a th’ againn an-dràsta agus san àm ri teachd gus an comas a choileanadh a dh’aindeoin suidheachadh pearsanta.
Cliog an seo ma tha thu airson an Ùisdean agad fhèin a cheannach!
Mar aon de na h-alumni againn, gheibh sibh cothrom air farsaingeachd shochairean agus sheirbheisean, nam measg:
- Cothrom air taic is stiùireadh a thaobh dhreuchdan fad ur beatha
- Lasachadh prìse air cìsean cùrsa fo-cheum aig UHI
- Cothrom air raon de ghoireasan-e
- Cuairt-litir cunbhalach do dh’alumni gus am faigh sibh na naidheachdan as ùire mu UHI agus a ceumnaichean
- An comharra-malairt ‘Made in Scotland’ a chleachdadh an-asgaidh
- Cothroman air obair gu saor-thoileach
- Cuiridhean gu tachartasan is ath-chruinneachaidhean
- Cothroman lìonrachaidh
- Duilleag Facebook, buidheann LinkedIn agus duilleag Twitter shònraichte airson dreuchdan agus alumni!
Gach bliadhna, bidh sinn cuideachd a’ toirt seachad duais Alumni an oilthigh airson a dh’aithnicheas euchdan mòra nan seann oileanach againn. Is dòcha gun e sibh fhèin a bhios ann aon bhliadhna!
Feuch an fuirich thu ann an conaltradh agus innis dhuinn mar a tha thu!
Gach deagh dhùrachd airson ur soirbheachas leantainneach bhon a h-uile duine aig UHI.