Made in Scotland
Cleachdadh comharra-malairt – foirm tagraidh susbaint
susbaint
Cleachdadh comharra-malairt – foirm tagraidh
Chaidh an companaidh Dèante ann an Alba Earranta agus an comharra-malairt co-cheangailte ris a thoirt don oilthigh mar thabhartas ann an 2019. Le aonta nan tabhartaichean, Kathleen Hardie agus Derek Reid, faodaidh alumni bhon oilthigh tagradh airson an comharra a chleachdadh, an-asgaidh, air bathar no seirbheisean sam bith a tha iad a’ solarachadh do theachdaichean, fhad ’s a tha na slatan-tomhais a leanas air an coileanadh.
Nam bu mhath leat tagradh airson an comharra a chleachdadh, lìon am foirm gu h-ìosal.
Slatan-tomhais
- Tha am bathar no na seirbheisean a tha solaraichte a’ gèilleadh do phoileasaidh beusail an oilthighe.
- Tha an gnothachas/buidheann ann an seilbh mòr-chuid (no ann an suidheachadh iomairt shòisealta no carthannas) leis na h-alumni.
- Is e Meanbh Iomairt a th’ anns a’ ghnothachas/bhuidheann mar a tha mìnichte le Riaghaltas na h-Alba - i.e. tha tionndadh no clàr-airgid de luach suas ri £1.8M aige agus deichnear no nas lugha de chosnaichean.
- Thèid an comharra a bhuileachadh airson ùine de thrì bliadhna aig toiseach cùise, agus thèid ath-sgrùdadh an uair sin.
- Tha cleachdadh air an t-suaicheantas cunbhalach do stiùiridhean a’ bhrannd.
- Faodaidh an t-oilthigh na duaisean uile a bhuilicheas iad, fhoillseachadh.
Leughaibh am Brath Prìobhaideachd againn mas e ur toil e